Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh

Sheall àireamhan ùra gun dh'fhàs eaconamaidh Bhreatainn an-uiridh aig an ìre bu luaithe bho bha staing an ionmhais ann. Thàinig fàs de 0.7% air an eaconamaidh anns na trì mìosan mu dheireadh de 2013, suas 1.9% an taca ris an-uiridh. Rinn a' mhòr-chuid de roinnean math, ach thàinig lùghdachadh air obair togail.

Roache

Chaidh an cleasaiche bho Coronation Street, Uilleam Roache, às àicheadh gun robh e ri eucoir feise sam bith. A' toirt fianais seachad airson a' chiad uair, thuirt e nach robh e eòlach air gin de na boireannaich a thog casaidean na aghaidh, agus nach robh cuimhne aige a bhith riamh nan cuideachd. Tha e a' dol às àicheadh sia casaidean - dhà airson èigneachadh.

Ùgrain

Chuir Pàrlamaid na h-Ùgrain às de laghan connspaideach a bha a' casg dhaoine bho bhith a' togail fianais. Bha seachdain de dh'fhòirneart anns an dùthaich nuair a chaidh an lagh a thoirt a-steach. Chun sin, bha iomairtean an aghaidh an riaghaltais an ìre mhath sìtheil. Aig a' cheart àm, tha Prìomhaire na dùthcha air cantainn gun leig e dheth a dhreuchd gus an tèid aonta sìtheil a ruighinn.

Fearghas Ewing

Tadhalaidh Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, air Steòrnabhagh an ath-mhìos gus beachdan dhaoine a' chluinntinn air planaichean airson càball dealain a chur eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr. Chaidh coinneamh a ghairm gus am faigh am ministear air èisteachd ri riochdairean a tha an sàs anns a' phròiseict. Dh'innis SSE anns an Dùbhlachd gun deach an ceann-là airson càball dealain a chur air ais dà bhliadhna, gu 2019.

Ratko Mladic

Dhiùlt an seann chomanndair airm Bosnach-Serbach, Ratko Mladic, fianais a thoirt seachad ann an cùis an t-seann cheannard phoilitigeach aige, Radovan Karadzic. Bha e a' cur sìos air tribunal na h-eucoir cogaidh agus bha e ag ràdh gum faodadh e cron a dhèanamh air a' chùis aige fhèin nam bruidhneadh e.

Iolaire

Thèid iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba gabhail ris an iolaire bhuidhe mar eun nàiseanta na dùthcha. Bidh am moladh mu choinneimh Comataidh Ath-chuingean Holyrood. B' e an RSPB a thòisich an iomairt.