Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iain Fearchar Rothach

Tha mòran a' dèanamh luaidh an-diugh air Iain Fearchar Rothach, a bha ron seo na bhall-pàrlamaid Albannach, agus a chaochail an-dè. Bha e 79. Tha Teàrlach Ceanadach air a bhith am measg an fheadhainn a th' air a bhith a' cuimhneachadh air. Thuirt e gun robh Mgr Rothach air a bhith mar athair dha. Leig Mgr Rothach dheth a dhreuchd ann am poilitigs trì bliadhna air ais, 's bha e am measg na buill a chaidh a thaghadh nuair a chaidh Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh an toiseach.

In-imrich

Thuirt Daibhidh Camshron gu bheil e a' smaoineachadh gu bheil ''ìre chothromach'' de dh'in-imrichean air tighinn a Bhreatainn à Romàinia agus Bulgàiria bho thoiseach na bliadhna. Chaidh tòrr de na riaghailtean co-cheangailte ri in-imrichean a tha a' tighinn às na dùthchannan sin a dh'obair a lagachadh air toiseach na mìos.

Sochi

Tha sgrùdadh tèarainteachd a chaidh a dhèanamh le ùghdarrasan à Breatainn, air thoiseach air Geamannan Oilimpigeach a' Gheamhraidh ann an Sochi, a' dèanamh dheth gu bheil a h-uile coltas ann gun tachair ionnsaighean ceannairc a bharrachd ann an ceann a deas na Ruis. Chan eil dùil gum bi Sochi fhèin mar thargaid ge-tà, agus iomairt tèarainteachd làidir ga dhèanamh as a' bhaile. Tha na geamannan a' tòiseachadh an ath-sheachdain.

Ùgrain

Thuirt Riaghaltas an Ùgrain gun tèid staid èiginneach a' ghairm mura fàg luchd-iomairt togalach Ministrealachd a' Cheartais. Tha caismeachdan air a bhith air sràidean Khiev bho cho-dhùin an riaghaltais gun taic a chur ri aonta ùr leis an Aonadh Eòrpach. Ghabh an luchd-iomairt smachd air an togalach anmoch a-raoir.

Heileacoptairean

Tha buill-pàrlamaid gu bhith ag èisteachd ri fianais ann an Obar Dheathain tron là, mu shàbhailteachd heileacoptairean. Chaidh an sgrùdadh a chur air chois le Comataidh Thaghte Còmhdhail nan Cumantan, às dèidh tubaist le Super Puma an-uiridh far Costa Shealltainn, anns an do chaill ceathrar am beatha. Tha na buill gu bhith a' cruinneachadh fianais bho na companaidhean heileacoptair, agus na companaidhean a thog iad, leithid Eurocopter. Cluinnear fianais cuideachd bho na h-aonaidhean ciùird, agus na companaidhean ola agus gas.

Obraichean

Thèid 600 obraichean pàirt-ùine a chruthachadh ann an Glaschu air thoiseach air Geamannan a' Cho-Fhlaitheis. Tha a' bhuidheann Venue Retail a' coimhead airson luchd-obrach a bhios stèidhichte aig ionadan-reic aig na raointean-cluiche. Bidh a' chuid as motha de na h-obraichean ann dìreach airson làithean nan geamannan fhèin, ach tha dùil gun tèid timcheall air 120 neach fhastadh anns na beagan sheachdainean ro-làimh.