Obair leasachaidh gus tòiseachadh sa Chaol

  • 23 Am Faoilleach 2014
Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Tha ùine mhòr ann bhon chaidh an togalach fiodh a chleachdadh gus airgead a thogail bho dhaoine a bh' airson a dhol tarsaing Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Thèid an togalach anns an robh na h-oifisean aig luchd nan cìsean aig Drochaid an Eilein Sgitheanaich a chleachdadh uair eile.

'S e bùth bhaidhsagalan a tha gu bhith ann, far am faigh daoine baidhsagalan a-mach air iasad.

A thuilleadh air bùth, thèid slighean baidhsagail cuideachd an stèidheachadh san sgìre.

Tha ùine mhòr ann bhon chaidh an togalach fiodha a chleachdadh gus airgead a thogail bho dhaoine a bh' airson a dhol tarsaing Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

A-nis thèid ath-nuadhachadh a dheànamh air mar phàirt de phròiseact coimhearsnachd ann an Caol Loch Aillse.

Eaconamaidh

Fhuair a' choimhearsnachd an cnap mu dheireadh den airgead a bha a dhìth orra airson a' phròiseict agus thathar an dòchas gum faigh an eaconamaidh buannachd às an leasachadh, a chosgas £300,000.

Chuir Comhairliche na sgìre, Audrey Nic na Ceàrdaich, fàilte air an naidheachd.

Thuirt i gu bheil i an dòchas gun toir seo air daoine stad ann an Caol Loch Aillse, seach a bhith a' cumail orra tron bhaile.

Tha dùil gun tòisich an obair leasachaidh an taobh a-staigh mìos no dhà.