Aonta ga ruighinn mu raon-goilf Thòrr Bheathain

  • 23 Am Faoilleach 2014
Cluba-goilf Thòrr Bheathain Image copyright Dave Fergusson
Image caption An-dràsta, tha agad ri dhol tarsainn air dà rathad airson cuairt de raon-goilf Thòrr Bheathain a chrìochnachadh.

Chaidh aonta a ruighinn ann am prionnsabal airson talamh a cheannach gus raon-goilf Thòrr Bheathain ann an Inbhir Nis a ghluasad.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson earrann den talamh air a bheil an raon-goilf an-dràsta a chleachdadh airson Ceangal-rathad an Iar a' bhaile a thogail

An-dràsta, tha agad ri dhol tarsainn air dà rathad airson cuairt de raon-goilf Thòrr Bheathain a chrìochnachadh.

Cuideachd, tha planaichean an rathaid ga chur tro chuid eile den chùrsa.

Dealbhachadh

Mar sin, tha Comhairle na Gàidhealtachd airson talamh a cheannach airson raon-goilf ùr a chruthachadh ann an Tòrr Bheathain agus tha iad air aonta a ruighinn an am prionnsabal airson sin a dhèanamh.

Thèid a' Chomhairle a-nis air adhart le bhith a' dealbhachadh a' chùrsa ùir còmhla ri Stuart Rennie bho Rennie Design Golf Course and Landscape Architects.

Bheir an talamh ùr cuideachd cothrom 160 dachaigh a thogail agus an cladh an Cille Bheathain a leudachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile