Sùil air: Nicola Sturgeon

  • 24 Am Faoilleach 2014
Image copyright PA
Image caption Tha Nicola Sturgeon air a bhith an sàs anns a' phàrtaidh Nàiseantach bho bha i 16.

Ainm: Nicola Sturgeon BPA

Dreuchd: Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba

Iomairt san referendum: Bu Chòir Alba (YES Alba)

Pàrtaidh poilitigeach: Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

Seasamh air neo-eisimileachd: Airson gum bi Alba neo-eisimileach

Eachdraidh poilitigeach

Tha Nicola Sturgeon air a bhith an sàs anns a' phàrtaidh Nàiseantach bho bha i 16.

Às dèidh dhith bhith ag obair mar neach-lagha, chaidh a taghadh mar bhall pàrlamaid Albannach ann an 1999, a' riochdachadh Baile Ghlaschu air an liosta sgìreil.

Ghlèidh i seat Baile Ghobhainn ann an taghadh 2007 agus Taobh a deas Ghlaschu ann an 2011.

Tha i air a bhith na Leas-Phrìomh Mhinistear ann am Pàrlamaid na h-Alba bho 2007.

San t-Sultain 2012, chaidh a gluasad bho dhreuchd Rùnaire na Slàinte gu bhith na Rùnaire Bunstructair, os cionn Iomairt an Riaghaltais ann a bhith a' deasachadh airson neo-eisimileachd.

Beachdan air an referendum

Tha a' Bh. Sturgeon gu mòr a' cur taic ri neo-eisimileachd do dh'Alba.

Seo cuid dhe na tha i air a ràdh mun chuspair:

"Seo an aon phlana mhionaideach a thaobh na th' air thoiseach do dh'Alba, agus tha na chaidh fhoillseachadh an-diugh a sealltainn gluasad san deasbad air na bu chòir tachairt." (Samhain 2013)

"Tha mi gu mòr a' creidsinn, ge bith cò bhuannaicheas an argamaid eaconamach, buannaichidh iad an referendum." (Faoilleach 2014)

"Ma tha sibh a' gabhail ris gur e an dòigh as fheàrr a bhith soirbheachail, a bhith a' faighinn cumhachdan dhuinn fhèin a bheir sin gu buil, chan eil e gu diofar a bheil sibh a' cur taic dhan SNP no na planaichean mionaideach againn airson a bhith a' cleachdadh nan cumhachdan sin." (Faoilleach 2014)