Ùghdaran Beò air BBC ALBA

  • 22 Am Faoilleach 2014
Catrìona Lexy Chaimbeul
Image caption Thèid Ùghdaran Beò, le Catrìona Lexy Chaimbeul, a chraoladh beò air an eadar-lìon Diardaoin.

Thèid sgrìobhadh Gàidhlig a thoirt gu aire chlann sgoile mar phàirt de thachartas a thèid a chraoladh beò air an eadar-lìon Diardaoin.

'S iad Urras Leabhraichean na h-Alba agus BBC ALBA a tha a' cur "Ùghdaran Beò" air dòigh agus iad ag amas air ùidh ann an leabhraichean a bhrosnachadh am measg òigridh.

Tha a' phròiseict, a th' air a bhith a' ruith airson grunn bhliadhnaichean, a' toirt cothrom do sgoilearan bùithtean-obrach a tha ùghdarran a' dèanamh fhaicinn beò air-loidhne.

Bithear a' coimhead air trì leabhraichean a chaidh a mholadh mar na leabhraichean a b' fheàrr do chloinn sgoile eadar Prìomh a h-Aon agus Prìomh a Trì.

Leabhraichean

'S iad na leabhraichean, Dè an uair a tha e, a Mhgr Madadh?, Acrachan agus Na Caraidean.

An dèidh do Chatrìona Lexy Chaimbeul pìos a leughadh às gach leabhar don chloinn, gheibhear cothrom beagan còmhraidh a dhèanamh mu na sgeulachdan.

Tha geamannan beaga aig Catrìona Lexy dhaibh cuideachd - geamannan co-cheangailte ri sgrìobhadh agus facail, agus feadhainn eile a bheir orra smaoineachadh mu bhith a' cruthachadh charactaran.

Thèid Ùghdaran Beò a chraoladh beò air an eadar-lìon Diardaoin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile