Buidseat na bliadhna a tha romhainn

  • 22 Am Faoilleach 2014
Iain Swinney Image copyright PA
Image caption Tha Mgr Swinney ag ràdh gu bheilear a' tabhann nas urrainn dhaibh de thaic às aonais làn-chumhachdan neo-eisimeileachd a bhith aca.

Iarraidh Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, air Pàrlamaid na h-Alba taic a chur ri a phlanaichean gus cùram cloinne a leudachadh agus biadh an asgaidh a thoirt do barrachd chloinne aig ìrean tràth sa bhun-sgoil.

Bidh a' Phàrlamaid a' deasbad nam planaichean airson buidseat na bliadhna a tha romhainn.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gur e buidseat de chothroman a bhios aca, a' tabhann taic airson obraichean a chruthachadh, taic do sheirbheisean na roinne poblaich agus do theaghlaichean a tha a' strì ri cosgaisean bith-beò.

Poileasaidhean

Am measg nam poileasaidhean a tha gu bhith anns a' bhuidseat, tha cùram cloinne leasaichte do chloinn fo aois sgoile, taic a thaobh reataichean do ghnìomhachasan beaga, biadh sgoile an asgaidh anns a' chiad trì bliadhna den bhun-sgoil dhan h-uile sgoilear, agus £20m ga thabhann gus dèanamh cinnteach nach bi uimhir de dhroch bhuaidh aig cìs nan seòmraichean cadail air Albannaich sa bhliadhna a tha romhainn.

Tha Mgr Swinney ag ràdh gu bheilear a' tabhann nas urrainn dhaibh de thaic às aonais làn-chumhachdan neo-eisimeileachd a bhith aca, agus gus coinneachadh ri na gearraidhean ri sochairean sòisealta a tha Riaghaltas Westminster a' sparradh air Albannaich.

Ged a bu mhiann leotha taic nam pàrtaidhean eile fhaighinn airson a' bhuidseat seo, chan eil an aon strì ga dhèanamh air a' bhliadhna seo.

Leis gu bheil mòr-chuid aig an SNP sa Phàrlamaid, is urrainn dhaibh a' bhuidseat aca fhaighinn troimhe às aonais taic nam pàrtaidhean eile.

Pàrtaidhean eile

Tha dùil gu bheil na Lib-Deamaich a' beachdachadh air taic a chur ri planaichean an Riaghaltais, ach tha am Pàrtaidh Tòraidheach ag ràdh nach eil gu leòr de thaic ga thabhann annta.

Tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil tuilleadh a dhìth a thaobh cosnaidhean a chruthachadh agus daoine a chuideachadh le gearraidhean nan sochairean.

Aig a' cheart àm, tha rannsachadh ùr a' nochdadh gur dòcha gum bi beachdan dhaoine air buaidh eaconamach neo-eisimeileachd air leth cudromach a thaobh mar a bhòtas iad san referendum.

Tha an sgrùdadh bliadhnail air beachdan sòisealta ann an Alba a' nochdadh gur dòcha gun atharraich beachd a' mhòr-shluaigh gu mòr ma bhios iad an dùil gum bi iad mòran nas fheàrr no nas miosa dheth ann an Alba neo-eisimeileach.

Bha 29% de na bha an sàs san rannsachadh taiceil do neo-eisimealachd, àireamh a tha suas an taca ri 2012, ach sìos air 2011.

Thuirt 16% gun cuireadh iad taic ri neo-eisimeileachd nam biodh iad £500 nas miosa dheth sa bhliadhna, le 70% ag ràdh gun cuireadh iadsan an aghaidh neo-eisimeileachd nam biodh iad £500 nas miosa dheth.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile