Coimpiutair
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mì-thoileachas mun bhann-leathann

22 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha feadhainn ann an Uibhist cho mì-thoilichte leis an t-seirbheis bann-leathainn aig Connected Communities 's gu bheil iad a' gluasad gu seirbheis saideal.

Chan e mhàin cho slaodach 's a tha a' bhann-leathainn abhaisteach, tha dragh ann cuideachd mun ùine a tha a' chompanaidh a' toirt ga chuir a-steach.

Tha obair air tòiseachadh gus bann-leathann nas luaithe a sgaoileadh gu sgìrean iomallach na h-Alba tro chàbaill fibre-optic, ach bi dà bhliadhna ann mus tig sin a dh'Uibhist.