Màl thaighean-comhairle ag èirigh

  • 22 Am Faoilleach 2014
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Dheadh màl nan taighean-comhairle suas gu £70 san t-seachdain.

Dh'fhaodadh gun tèid màl air taighean comhairle ann an Roinn na Gàidhealtachd suas 2% ann an 2014/15.

Thèid iarraidh air Comataidh an Ionmhais taic a chur ris a' mholadh £1.30 san t-seachdain a chur air a' mhàl.

An-dràsta, sa chumantas tha màl air taigh-comhairle aig còrr 's £68 san t-seachdain.

Ma bhòtas a' Chomataidh air a shon, thèid e suas gu £70 san t-seachdain.

Thèid iarraidh orra cuideachd am màl air garaidsean, ostalan agus làraichean airson luchd-taisteil a chur suas aig an aon ìre.

Thuirt ceannard an taigheadais, Daibhidh Goldie, gum feum iad am màl a chur suas airson dèanamh cinnteach gum bi an stoc taigheadais a th' aca an-dràsta a' tighinn a rèir ìre thaigheadais na h-Alba.

Ann an 2014/15 thèid còrr 's £15m a chosg air càradh agus leasachadh a dhèanamh air an 13,000 taigh-comhairle a th' ann an Roinn na Gàidhealtachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile