Sùil air: Alistair Darling

  • 24 Am Faoilleach 2014
Image copyright PA
Image caption Tha Mgr Darling gu làidir den bheachd gu bheil Alba nas fheàrr mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Ainm: Alistair Darling BP

Dreuchd: Ceannard Iomairt Nas Fheàrr Còmhla

Roimhe: Seansalair san Riaghaltas Làbaraich 2007-2010

Iomairt san referendum: Nas Fheàrr Còmhla

Pàrtaidh poilitigeach: Am Pàrtaidh Làbarach

Seasamh air neo-eisimileachd: Airson gum fuirich Alba na pàirt den Aonadh.

Eachdraidh poilitigeach

Às dèidh dha a bhith ag obair mar neach-lagha, ghlèidh e àite mar Bhall-Pàrlamaid Làbarach do Mheadhan Dhùn Èideann ann an 1987.

Ann an 2005 chaidh a thaghadh mar BP Iar Dheas Dhùn Èideann.

Bha e na sheansalair ann an Riaghaltas Ghòrdain Brown eadar 2007 agus 2010.

Chur Mgr Darling iomairt Nas Fheàrr Còmhla, a' cur taic ri bhith a' fuireach san Aonadh, air bhog san Ògmhios 2012.

Tha e na stiùiriche agus na chathraiche air an iomairt agus tha e air a bhith gu mòr an sàs mar neach-labhairt do luchd-taic an Aonaidh san deasbad mun referendum.

Beachdan air an referendum

Tha Mgr Darling gu làidir den bheachd gu bheil Alba nas fheàrr mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte. Seo cuid de na tha e air a ràdh mun chuspair:

"'Tha e {neo-eisimileachd} ionnan ri bhith ceannach tiogaid aona-shligheach dhar cuid chloinne do cheann-uidhe mi-chinnteach." (Ògmhios 2012)

"'S e obair ficsean a th' anns a' phaipear geal. Tha e làn geallaidhean fuadain agus puingean gun bhrìgh." (Samhain 2013)

"Feumaidh sinn toirt air an fheadhainn a tha mar thà den aon bharail rinn gun fàs ro chofhurtail. Tha mi smaointinn gum bi a' bhòt nas fhaisge na tha daoine a' smaointinn agus feumaidh àireamh mhòr bhòtadh gus am bi toradh cinnteach ann." (Faoilleach 2014)