Sùil air: Ailig Salmond

  • 24 Am Faoilleach 2014
Image copyright Getty Images
Image caption Tha Ailig Salmond air a bhith an sàs sa phàrtaidh nàiseanta bho bha e aig Oilthigh Chill Rimhinn sna 1970an.

Ainm: Ailig Salmond BPA

Dreuchd: Prìomh Mhinistear na h-Alba

Iomairt san referendum: Bu chòir Alba (YES Alba)

Pàrtaidh poilitigeach: Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP)

Seasamh air neo-eisimileachd: Airson gum bi Alba neo-eisimileach

Eachdraidh poilitigeach

Tha Ailig Salmond air a bhith an sàs sa phàrtaidh nàiseanta bho bha e aig Oilthigh Chill Rimhinn sna 1970an.

Às dèidh dha a bhith ag obair mar eòlaiche eaconamach, fhuair e a' chiad seat aige ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ann an 1987, a' riochdachadh Banff agus Buchan.

Bha e ann an dreuchd ceannard nan dùbhlannach aig Holyrood às dèidh dha a bhith air a thaghadh mar bhall-pàrlamaid Albannach sgìre Ghòrdain ann an 1999.

Image copyright Getty Images
Image caption "Tha na tha an dàn do dh'Alba, ann an làmhan na h-Alba." Mgr Salmond a' bruidhinn mun phàipear geal.

Dh'fhàg e Pàrlamaid na h-Alba ann an 2000 agus thill e gu Westminster.

Ann an 2004 chaidh a thaghadh às ùr 'son ceannas an SNP.

Sna taghaidhean Albannach ann an 2007, chaidh Mgr Salmond a thaghadh mar BPA son Obar Dheathain an Ear agus thill e gu Holyrood.

Ghlèidh na Nàiseantaich an taghadh sin, le beag-chuid de sheataichean. Chuir am pàrtaidh romhpa Riaghaltas beag-chuid a stèidheachadh le taic bho na h-Uainich air cuid de chuspairean.

Tha Mgr Salmond air a bhith na phrìomh mhinistear bhon uair sin.

Ann an 2011, ghlèidh am pàrtaidh am mòr-chuid a bha dhìth orra Riaghaltas eile a stèidheachadh agus cha robh e fada mus ro referendum air neo-eisimileachd do dh'Alba air a' chlàr-gnothaich.

Beachdan air an referendum

Tha Mgr Salmond gu mòr a' cur taic ri neo-eisimileachd.

Seo cuid de na tha e air a ràdh mun chuspair:

"Seo an roghainn as motha a nì muinntir na h-Alba ann an 300 bliadhna." (Faoilleach 2012)

"Tha na tha an dàn do dh'Alba, ann an làmhan na h-Alba." (Samhain 2013, a' bruidhinn mun phàipear geal)

"Chan eil sinn a' sireadh neo-eisimileachd mar cheann-uidhe ann fhèin, ach mar dhòigh gus Alba atharrachadh gum bi e nas fheàrr." (Damhair 2013)