Buaireadh mun ghuga

  • 21 Am Faoilleach 2014
Nis Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S e an aon sgìre den dùthaich far a bheil an cleachdadh fhathast a' dol.

Tha buaireadh ann mu cho-fharpais a chaidh a chumail ann an Nis an Leòdhas, far an robh daoine a' feuchainn ri leth guga ithe cho luath 's a b' urrainn dhaibh.

Tha ath-chuinge eadar-nàiseanta air-loidhne, le còrr 's 70,000 ainm, ag iarraidh chan e a-mhàin a' cho-fharpais, ach gu dearbha sealg a' ghuga fhèin a chasg.

Tha daoine bho air feadh an t-saoghail air an ainmean a chur ris an ath-chuinge, a thèid gu Comhairle nan Eilean Siar.

'S tha beachdan làidir gan sgrìobhadh: "Truly primitive," sgrìobh tè à Afraga a Deas.

"Outrageous and barbaric," thuirt Bana-Ghearmailteach.

Agus sgrìobh boireannach à Breatainn "Mankind sinks to a new low".

Ach tha an fheadhainn a chuir an fharpais air dòigh ag ràdh gu bheil dì-tuigse follaiseach ann an gu leòr de na chaidh a ràdh mu na thachair.

"'S iomadh rud nach eil fìor a chaidh a ràdh sna seachdainnean a dh'fhalbh mun cho-fharpais a chaidh a chumail nar cluba prìobhaideach," thuirt labhraiche dhan bhuidhinn Cluba Sòisealta Nis.

"Seach a bhith a' dèiligeadh ri gach rud leis fhèin, tha sinn airson an cothrom seo a ghabhail airson taing a thoirt dhan fheadhainn aig a bheil eòlas air a' ghnothach airson an cuid foighdinn sa chùis seo.

"Dh'iarradh sinn cuideachd a dhèanamh soilleir nach eil gnothach idir aig seo ri Cluba Bhuill-choise Nis, a chaidh, nar beachd-ne, a mhì-riochdachadh.

"Cha bhiodh farpais ithe ghuga mì-laghail ann an sgìre sam bith eile den dùthaich, agus cha robh cead sam bith a dhìth air a' Chluba Shòisealta airson leithid de thachartas a chumail.

"'S ann air a' Chomhairle a tha an ath-chuinge ag amas, agus chan eil cumhachd sam bith aca san t-suidheachadh seo."

'S e Nis an aon sgìre den dùthaich far a bheil sealg eun mara - a bha uair gu math cudromach airson biadh a chumail ris an t-sluagh - fhathast ceadaichte, agus far a bheil an t-eòlas air mar a nithear e fhathast ga thoirt seachad.

Tha cead aig muinntir na sgìre 2,000 guga - sùlaire òg a thèid a ghlacadh mus bi e air chomas sgithealaich - a mharbhadh gach bliadhna, air Sùlasgeir, faisg air Rònaigh, tuath air Nis.

Tha eòlaichean a' cumail a-mach gu bheil an àireamh sin a' fàgail na colonaidh seasmhach.

'S e biadh traidiseanta, air a bheil fèill mhòr, a th' anns a' ghuga ann an Leòdhas, le blas eadar sìthean air a ròstadh, agus rionnach saillte, le geir tiugh na chois.