Eaglais Ghlinn Fhionnainn dìonach a-rithist

  • 20 Am Faoilleach 2014
Eaglais Naomh Moire is Fhionnainn
Chaidh an eaglais a thogail ann an 1873 agus chaidh a dealbhachadh le Eideard Welby Pugin.

Bha Eaglais Naomh Moire is Fhionnainn, air bruaichean Loch Seile, ann am fìor dhroch staid gu bho chionn ghoirid, le uisge a' dòrtadh a-steach innte.

Ach, an dèidh obair-càraidh luach £200,000, tha i a-rithist dìonach.

Didòmhnaich, thàinig sluagh mòr dhan eaglais airson comharrachadh gun deach crìoch a chur air a' chiad earrainn den obair.

Thuirt Teàrlach MacPhàrlain, a bhios a' frithealadh na h-eaglaise: "Thogadh an eaglais seo air glòir Dhè agus tha i cho bòidheach - bidh a' choimhearsnachd glè thoilichte a-nis."

Togail-airgid

Chaidh an eaglais a togail ann an 1873 agus chaidh a dealbhachadh le Eideard Welby Pugin.

Bha Mgr Anndra Barret na shagairt sa pharaiste nuair a chaidh an obair-càraidh a dhealbhachadh.

"Chaidh mòran togail-airgid a dhèanamh, le mòran diofar dhaoine," thuirt e.

"Chaidh taigh an t-sagairt, tarsainn an rathaid, a reic agus bha sin na chuideachadh mòr."

Tha £100,000 eile a dhìth airson Eaglais Naomh Moire is Fhionnainn a sgeadachadh air an taobh a-staigh - sùim nach bi furasta a thogail ann am paraiste gu math beag.

Searmon

San t-searmon aige Didòmhnaich, thug an t-Easbaig Iòsaiph Toal iomradh air co-chomhairleachadh a thòisich am Pàp Proinnseas mu bheachdan nam paraistean mun teaghlach.

Taobh a-staigh na h-eaglaise
Tha £100,000 eile a dhìth airson Eaglais Naomh Moire is Fhionnainn a sgeadachadh air an taobh a-staigh.

Tha seo air thoiseach air seanadh san Ròimh am-bliadhna, far am bi easbaigean bho air feadh an t-saoghail a' coimhead, am measg rudan eile, air mar bu chòir dhan eaglais dèiligeadh ri daoine gèidh, casg-gineamhainn agus daoine a th' air pòsadh airson an dara uair.

Is coltach gu bheil cuspair a' phòsaidh cudromach ann an Gleann Fhionnainn fhèin cuideachd. Suidhichte ri taobh Loch Seile, tha an eaglais tarraingeach do mhòran a tha airson pòsadh.

A-nis, ged a tha an obair as cudromaiche air Eaglais Ghlinn Fhionnainn dèante, cumaidh muinntir na paraiste orra a' togail airgid airson an tuilleadh obair-càraidh.