Cead do thuath-gaoithe an Gleann Mhoireasdain

  • 17 Am Faoilleach 2014
Tuath-gaoithe
Image caption Tha dùil gum feum an tuath-gaoithe mu 60 duine airson a ruith.

Fhuair planaichean airson 32 chrann-gaoithe a chur an-àirde faisg air Inbhir Mhoireasdain cead-dealbhachaidh bho Riaghaltas na h-Alba.

Thèid Tuath-gaoithe a' Bhlàraidh a thogail le SSE Generation Eta, agus cumaidh e dealan ri mu 50,900 dachaigh nuair a thèid a chur gu dol.

Thuirt Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing, gun cruthaicheadh am pròiseact obair agus maoineachadh don choimhearsnachd ionadail, a thuilleadh air cumhachd.

Thog a' bhuidheann Sreap Alba draghan mu na planaichean ge-tà.

Ann an 2012, thuirt a' bhuidheann gun robh Tuath-gaoithe a' Bhlàraidh, agus sgeamaichean eile, "a' tighinn nan tuil" 's gun robh cunnart ann gun deadh cruth na tìre fhàgail na làrach-ghnìomhachais.

'S ann air Oighreachd Ghlinn Mhoireasdain a tha an làrach.

Tha dùil gun cosg an obair-togail timcheall air £166.3m, agus gum bi mu 60 duine a dhìth airson an làrach a ruith agus a chumail ann an òrdugh.

Tha dùil cuideachd gun tog an sgeama mu £13m thar 25 bliadhna airson phròiseactan coimhearsnachd.

"Cruthaichidh Tuath-gaoithe a' Bhlàraidh obraichean an dà chuid ga thogail agus ga ruith, agus aon uair 's gu bheil e ag obair, cùmhnaidh e na mìltean tunnaichean de chàrbon dà-ocasaid gach bliadhna," thuirt Mgr Ewing.

"Tha buannachdan susbainnteach a' tighinn à leithid de thuathan-gaoithe do choimhearsnachdan ionadail, agus tha pàirt cudromach aca ri chluich ann a bhith a' cruthachadh cuibhleant de 100% den dealan a chleachdar ann an Alba bho thùsan ath-nuadhachail."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile