Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mikaeel Kular

Dh'iarr poilis ann an Dùn Èideann taic an t-sluaigh a-rithist agus iad a' coimhead airson a' ghille bhig, Mikaeel Kular, a tha trì bliadhna de dh'aois, agus nach fhacas bho Oidhche Chiadain. Thuirt na poilis gu bheil iad dòchasach mu dheidhinn, ach as fhìor fhàs draghail mar as fhaide e gun sgeul air. Bheir na poilis tuilleadh fiosrachaidh an-diugh do mhuinntir an t-sluaigh a tha dhan cuideachadh a' coimhead airson a' ghille.

Hague

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Uilleam Hague, gu bheil dha-rìribh teagamh ann mu bhallrachd Alba neo-eisimeileach anns an Aonadh Eòrpach. Tha Mgr Hague ann an Glaschu an-diugh, a' foillseachadh a' phàipeir as ùire bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte len argamaid airson Alba a chumail anns an Aonadh. Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a-rithist nach biodh e na thrioblaid mhòr sam bith àite fhaighinn do dh'Alba neo-eisimeileach anns an EU.

Miliband

Nì ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, òraid an ceartuair anns an can e, nam buannaicheadh na Làbaraich an Taghadh Coitcheann an ath-bhliadhna, gun coimheadadh iad air na bancaichean mòra a chur às a chèile mar dhòigh air farpais a bhrosnachadh anns a' ghnìomhachas. Canaidh e cuideachd gum bu chòir dha a bhith nas fhasa do dhaoine gluasad bho bhanca gu banca.

First Group

Tha a' chompanaidh bhusaichean, First Group, a tha stèidhte ann an Obar Dheathain, a' dol a chosg £70m air busaichean ùra. Ceannaichidh iad còrr is 400 agus thèid 100 dhiubh, le dà làr annta, a thogail aig companaidh Alexander Dennis anns an Eaglais Bhreac. Thèid na busaichean eile a thogail ann an Èirinn a Tuath.

Muileann Shiaboist

Tha muileann chlò Shiaboist ann an Leòdhas a' cur bheairtean a-mach air màl mar dhòigh air faighinn thairis air gainnead bheairtean agus cho daor 's a tha iad an ceannach. Tha seo a' tighinn agus leudachadh mun chòigeamh cuid air na tha an gnìomhachas a' reic de chlò. Tha iad cuideachd a' coimhead ri leudachadh air a' mhargaidh ann an dùthchannan an àird an ear.

Ùig

Thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gum biodh e na bhuannachd do sgìrean iomallach nan eilean nan gabhadh taighean ùra a thabhann air màl. Bha e a' bruidhinn air cead-dealbhachaidh a chaidh iarraidh airson ceithir taighean sòisealta ann an Ùig, an Leòdhas. Tha còrr math is 30 bliadhna ann bhon chaidh na taighean comhairle mu dheireadh a thogail anns an sgìre sin.