Meadhanan gan càineadh mu mhion-chànanan

A' Ghàidhlig 'S ann air foghlam as motha a thog a' Chomataidh dragh mun Ghàidhlig.

Chàin Comhairle na h-Eòrpa an dòigh anns a bheil na meadhanan naidheachd ann am Breatainn a' dèanamh tàire air mion-chànanan, leithid na Gàidhlig.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil feum air mòr-shluagh Beurla na Rìoghachd Aonaichte oideachadh air luach is seasamh nam mion-chànanan.

Tha na beachdan a' tighinn ann an aithisg oifigeil air mar a tha Breatainn a' coileanadh Cairt nam Mion-Chànanan Eòrpach.

Tha a' bhuidheann, a tha stèidhichte ann an Strasbourg, an urra ri bhith a' cumail suas na Cairte, agus gnothaichean eile co-cheangailte ri còirichean daonna.

Chan ionnan iad agus an t-Aonadh Eòrpach - tha 47 stàitean nam buill de Chomhairle na h-Eòrpa.

Iomagain

Start Quote

Tha feum fhathast tuigse a bhrosnachadh am measg mòr-shluagh na Beurla san Rìoghachd Aonaichte mu mhion-chànanan na dùthcha, mar phàirt de chridhe dualchais chultarail na dùthcha.”

End Quote Comhairle na h-Eòrpa

Tha iad ag ràdh gu bheil iomagain air na h-eòlaichean aca mar a tha cànanan leithid na Gàidhlig, aig a bheil sluagh a bhruidhneas iad, gan làimhseachadh anns na meadhanan ann am Breatainn.

Tha eagal orra gu bheil tàire ga dhèanamh air na slòigh sin.

"Bha dragh air Comataidh nan Eòlaichean a chluinntinn gun robh luchd-labhairt mhion-chànanan sgìreil air an taisbeanadh gu tàireil anns na meadhanan," thuirt iad san aithisg aca.

"Cha d' thug na h-ùghdarrasan fiosrachadh sam bith seachad mu cheumanan a bhathas a' gabhail airson seo a chur ceart.

"Tha feum fhathast tuigse a bhrosnachadh am measg mòr-shluagh na Beurla san Rìoghachd Aonaichte mu mhion-chànanan na dùthcha, mar phàirt de chridhe dualchais chultarail na dùthcha."

Ged nach eil e ann an cumhachd na Comhairle Eòrpaich toirt air riaghaltasan càil a dhèanamh mu dheidhinn, tha e comasach dhaibh ìmpidh mhoralta agus phoilitigeach a chur orra.

'S ann an urra ri Riaghaltasan na h-Alba, na Cuimrigh, agus Èireann a Tuath a tha gnothaichean mhion-chànanan sna dùthchanan sin den Rìoghachd Aonaichte.

Tha an aithisg a' moladh beachd an Riaghaltais anns an fharsaingeachd air a' Ghàidhlig ge-tà, agus mar a chaidh BBC ALBA a stèidheachadh.

Foghlam
Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig Thog a' Chomhairle dragh mu "dhuilgheadasan mòra" a taobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Thog iad dragh ge-tà, mu "dhuilgheadasan mòra" a taobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha duilgheadasan mòra practaigeach ann fhathast a thaobh foghlaim.

"Tha gainnead mòr thidsearan ann fhathast, agus feum air tuilleadh cheumanan aimsichte a thaobh sin."

Bha dragh air a' Chomataidh mu laigsean a thaobh mhion-chànanan Bhreatainn gu lèir, agus chuir iad ìmpidh mhòr air an Riaghaltas a thaobh na leanas:

  • Bu chòir leantainn le ceumanan airson foghlam ann an Gàidhlig na h-Alba a leasachadh, gu h-àraid a thaobh trèanadh thidsearan agus foillseachadh stuthan teagaisg agus ionnsachaidh.
  • Cruthaich agus cuir an gnìomh poileasaidh coileanta airson na Gaeilge, tro reachdas mas urrainn, a' toirt chòirichean reachdail do luchd na Gaeilge.
  • Gabh ceumanan susbainteach a dh'ionnsaigh barrachd Chuimris a bhith air a cleachdadh ann an seirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta.
  • Neartaich an taic a th' ann do dh'obair Bhòrd Albais Uladh, agus stèidhich teagasg sa chànan sin.
  • Stèidhich taic mhaireannach bhon Riaghaltas airson Còrnais.
  • Dèan cinnteach nach toir gearraidhean an Riaghaltais buaidh ro mhòr air dìon agus brosnachadh mhion-chànanan.

A thaobh Albais ann an Alba, thuirt a' Chomataidh gun robh measadh air àireamhan luchd-labhairt a' chànain a dhìth mar bhun-stèidh air a bhith a cruthachadh poileasaidh chànain choileanta.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.