Gairm nan Gàidheal

Crom-lusan Chaidh an Cogadh a ghairm san Lùnastal 1914, agus ro dheireadh na bliadhna sin, bha 4,000 duine à Leòdhas a-mhàin air a dhol an sàs ann.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha Pròiseact nan Ealan a' ruith sreath de thachartasan am-bliadhna airson 100 bliadhna a chomharrachadh bho thòisich an Cogadh Mòr.

Thèid na rinn eileanaich anns a' chogadh a chomharrachadh tro dhràma, ceòl, òrain agus taisbeanaidhean.

Thuirt Criosaidh NicRath, a tha os cionn na pròiseict: "Leis na bha de dh'eileanaich an sàs anns a' Chiad Chogadh, bha sinn airson seo a chomharrachadh ann an dòigh a bha iomchaidh agus freagarrach."

Chaidh an Cogadh a ghairm san Lùnastal 1914, agus ro dheireadh na bliadhna sin, bha 4,000 duine à Leòdhas a-mhàin air a dhol an sàs ann.

Thuirt a' Bh. NicRath gun robh am pàtran sin ri fhaicinn air feadh nan eilean - bha daoine deònach agus deiseil, gu ìre, airson a dhol an sàs.

Anns a' Mhàirt, bidh dealbhan-chluich ri fhaicinn ann an còig diofar coimhearsnachdan: sna Hearadh, Uibhist a Tuath, Barraigh agus Leòdhas.

Clàr-ama nan dealbhan-chluich

  • Na Hearadh air an 7mh den Mhàirt.
  • Barraigh air an 15mh den Mhàirt
  • Uibhist a Tuath air an 21mh den Mhàirt
  • An Rubha air an 28mh den Mhàirt
  • Steòrnabhagh air an 27mh den Ògmhios

Chaidh còig sgrìobhaichean fhastadh gus sgriobtaichean nan dealbhan-cluiche a thoirt ri chèile agus, ann an co-obrachadh leis a' chompanaidh ealain, thathas air a bhith a' tional fiosrachaidh bho mhuinntir nan sgìrean.

A thuilleadh air dealbhan-cluiche, thathas ag amas air sgeulachdan nan eileanach innse tro fharsaingeachd de dhiofar sheòrsachan ealain - sgeulachdan, òrain, ceòl agus taisbeanaidhean nam measg.

Thèid na sgeulachdan agus na dealbhan a thathas a' cruinneachadh a thaisbeanadh anns na tallachan air na h-oidhcheanan a tha na dealbhan-cluiche a' tachairt.

"Tha còig sgriobtaichean gu math làidir againn - sgeulachdan inntinneach, agus feadhainn a tha a' buntainn ri na coimhearsnachdan anns a bheil iad gu bhith air an taisbeanadh," thuirt a' Bh. NicRath.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.