Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gille beag a dhìth

Tha poilis ann an Dùn Èideann a' coimhead airson gille beag, trì bliadhna de dh'aois. Chaidh Mikael Kular dhan leabaidh na dhachaigh ann an Ferry Gait anns a' bhaile mu 9:00f a-raoir, ach cha robh sgeul air nuair a dhùisg a theaghlach anns a' mhadainn. Tha na poilis ag iarraidh fios bho dhuine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air fhaicinn. Thuirt na poilis gur dòcha gun robh seacaid shoilleir dhonn air le hood orra, brògan donn agus aodach oidhche.

Am Morair Rennard

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nick Clegg, a-rithist gum feum am Morair Lib-Deamach, am Morair Rennard, a leisgeul a thabhann agus aithrisean ann gun do rinn e tàire-dhrabasta air boireannaich a bha ag obair dhan phàrtaidh. Fhuair rannsachadh air taobh a-staigh a' phàrtaidh nach eil dearbhadh ann le cinnt, agus thuirt am Morair Rennard fhèin nach do rinn e dad ceàrr. Thuirt Mgr Clegg ge-tà, gun do dh'fhàillig dòighean-obrach a' phàrtaidh.

Alasdair Darling

Canaidh Ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, aig òraid ann an Dùn Èideann an-diugh, nach eil an fheadhainn a tha ag iarraidh neo-eisimeileachd do dh'Alba a' freagairt cheistean bunaiteach air a' chùis. Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil mòran bhuannachdan a' feitheamh air Alba neo-eisimeileach le ballrachd anns an Aonadh Eòrpach.

MOD

Thuirt seann Rùnaire Dìon nan Stàitean Aonaichte, Raibeart Gates, gum faodadh gearraidhean an MOD an càirdeas sònraichte a th' eadar Breatainn agus Aimeireaga a chur ann an cunnart. Thuirt esan gu bheil na gearraidhean a' cur teagamh ann an comas Feachdan Armaichte Bhreatainn. Thuirt an MOD gur ann aig Breatainn a tha an ceathramh buidseat dìon as motha air an t-saoghal.

Aiseag ùr Ratharsaigh

Tha muinntir Ratharsaigh ag iarraidh coinneimh le Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus dragh orra mu bhàt'-aiseig ùr an eilein. 'S e an MV Hallaig tè de na ciad shoithichean air an t-saoghal a tha a' ruith air an dà chuid cumhachd bataraidh agus diesel. Ach, on thòisich i air an t-slighe eadar Ratharsaigh agus Sconnsair anns an Eilean Sgitheanach bho chionn dà mhìos, tha trioblaidean air a bhith ann, agus tha luchd-cleachdaidh a' gearain nach eil clàr-ama seasmhach ann agus nach eil Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag innse dhaibh dè tha tachairt.

Bann-leathann

Thèid bann-leathann fìor luath a sgaoileadh gu 37 coimhearsnachdan air feadh Alba. Tha sgìrean de dh'Earra-Ghàidheal am measg na gheibh seirbheis nas fheàrr fon ath ìre den phròiseact, a chosgas cha-mhòr £150m uile gu lèir. Bidh 40,000 dachaigh is gnìomhachas a' faighinn ceangal ris an t-seirbheis ùr air an t-Samhradh am-bliadhna.

Bernie Ecclestone

Thuirt cùirt ann am Munich gun tèid Ceannard Formula a h-Aon, Bernie Ecclestone, fheuchainn fo chasaid gun do rinn e foill. Tha esan fo chasaid gun do phàigh e bancair Gearmailteach mar dhòigh air a smachd a chumail air an spòrs. Thuirt Mgr Ecclestone nach do rinn e dad mì-laghail.