Salmond an tòir air a' bhradan

  • 15 Am Faoilleach 2014
Bradan
Tha uallach mòr air stoc a' bhradain ann am mòran sgìrean.

Tòisichidh seusan iasgaich a' bhradain air Uisge Tatha Diciadain.

Sadaidh am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, a' chiad chuilleag às dèidh seirbheis aig Taigh-òsta Hilton Taigh Dhùn Chailleann.

Tha nas lugha na seachdain bho dh'iarr Comann nam Bòrd Iasgaich Bhradain nach tèid bradain sam bith a mharbhadh as t-Earrach gu an ceann ùine, feuch piseach a thoirt air an àireamhan.

Tha iad a' moladh nach tèid bradain sam bith a mharbhadh ro 15mh an Cèitean.

Tha poileasaidh air Uisge Tatha - aig a bheil cliù sònraichte airson a cuid bhradain thràth - de bhith a' leigeil an èisg ma sgaoil beò às dèidh dhaibh a bhith air an glacadh, bho 1999.

Chaidh còrr is 90% de bhradain a thilleadh beò dhan abhainn as t-Earrach 2012.

Am-bliadhna, feumar gach bradan a thèid a ghlacadh air an abhainn suas gu deireadh a' Chèitein a thilleadh beò.

Thuirt Alasdair Laing, a tha na chathraiche air Comann nam Bòrd Iasgaich Bhradain, ag ràdh gu bheil uallach mòr air stoc a' bhradain ann am mòran sgìrean ri linn mar a tha an àireamhan a' crìonadh.

"Tha àireamhan an èisg a tha a' tilleadh dha na h-aibhnichean airson briodadh cho beag 's gu bheil cuid de stuic de bhradan an Earraich faisg air, no fo, ìre mhaireannaich. 'S e an t-iasg as tràithe as motha a th' ann an cunnart.

"'S e prionnsabal daingeann a th' ann nach marbhar iasg a tha a' briodadh far a bheil stoc ann an cunnart. Mar sin, 's e moladh a' Chomainn nach marbhar iasg ro 15mh an Cèitean."

Thèid pìobair air thoiseach air Mgr Salmond gu ruige bruaichean iasgaich Thaigh Dhùn Chailleann, mus co-roinn iad drama air oir an uisge.

Thèid na coitean iasgaich an uair sin a bheannachadh gu traidiseanta, le bhith a' dortadh uisge-bheatha orra, a ghuidhe deagh iasgaich dhaibh agus do na h-iasgairean a thèid annta air an t-seusan ùr.

Leanaidh seusan a' bhradain gu 15mh an Damhair.