Ainm ùr do Lios Inbhir Nis

Lios Inbhir Nis 'S e Lios Luibheach Inbhir Nis a bhios air Talla nam Flùr an ceartuair.

Thèid ainm ùr a chur air Lios Inbhir Nis mar phàirt de dh'oidhirp gus spionnadh às ùr a thoirt dhan àite.

Dh'fhosgail Talla nam Flùr faisg air Pàirc a' Bhucht ann an 1993, ach tha ceistean tric air nochdadh mu shuidheachadh ionmhais na liosa.

Bheachdaich Comhairle na Gàidhealtachd air an lios a dhùnadh ann an 2010, mar phàirt de shreath de ghearraidhean gus airgead a chaomhnadh.

Chaidh an lios a ghlèidheadh ge-tà, is tha oidhirp a-nise air tòiseachadh ath-bheòthachadh a thoirt oirre.

Dùblachadh

Tha e a-nis saor a dhol dha na gàrraidhean, is tha a' Chomhairle airson an àireamh de luchd-tadhail a dhùblachadh gu 36,000 gach bliadhna air a' cheann thall.

Bidh prògram de thachartasan ann a bhios ag amas air muinntir an àite agus luchd-turais.

Mar phàirt den phlana, thèid ainm an àite atharrachadh gu Lios Luibheach Inbhir Nis, no Inverness Botanic Gardens.

Tha a' Chomhairle cuideachd air £39,000 a chur ri stòras £111,000, gus an lios agus café a tha na cois a leasachadh.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.