Cumhachd ath-nuadhachail a' fàs

  • 14 Am Faoilleach 2014
Cumhachd nan tonn
Tha an gnìomhachas air fàs, a thaobh luchd-obrach, fada seachad air an eaconamaidh san fharsaingeachd.

Tha fàs air tighinn air gnìomhachas cumhachd ath-nuadhachail na h-Alba sa bhliadhna mu dheireadh, a rèir fhigearan ùra bhon bhuidhinn Scottish Renewables.

Tha iad ag ràdh gu bheil 11,695 duine ann an Alba ag obair làn-ùine san roinn - suas 5% bho an-uiridh- agus gu bheil mu 1,500 dhiubh sin air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Thuirt Àrd-Mhanaidsear a' Phoileasaidh aig Scottish Renewables, Joss Blamire: "Tha na figearan ùra seo a' sealltainn gu bheil gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail air a bhith ann am fàs cunbhallach a thaobh na tha de dhaoine a tha a' faighinn cosnaidh ann, a dh'aindeoin bhliadhna mhì-chinntich.

"Tha cho farsaing 's a tha na cothroman do mhanaidsearan pròiseict, eceòlaich agus einnsinìrean air fàgail gu bheil mòran dhaoine a' faicinn a' ghnìomhachais mar roinn far an gabh na sgilean agus trèanadh aca cur gu feum," thuirt e.

Fàs

Sheall an rannsachadh gu bheil 39% de luchd-obrach ath-nuadhachail ag obair air tuathan-gaoithe air tìr, 21% le tuathan-gaoithe aig muir, agus gu bheil 9% an urra aig cumhachd na mara agus bio-chumhachd.

Tha na tha de dhaoine a tha a' faighinn cosnaidh sa ghnìomhachas air fàs barrachd na tha eaconamaidh na h-Alba san fharsaingeachd.

De na companaidhean dhan deach fhaighneachd anns an rannsachadh, thuirt 54% gun robh iad an dùil barrachd dhaoine fhastadh sa bhliadhna a tha romhainn.

Thuirt 42% nach tigeadh atharrachadh air na tha iad a' fastadh de dhaoine.

Cha robh ach 1.6% an dùil daoine a chur bhuapa.

"Chan e a-mhàin gu bheil barrachd dhaoine air am fastadh ann an cumhachd ath-nuadhachail na bha riamh roimhe, ach tha misneachd mhòr ann mu na tha ri teachd don ghnìomhachas," thuirt Mgr Blamire.