Moladh gus companaidh chumhachd a stèidheachadh

  • 14 Am Faoilleach 2014
Crann-gaoithe
Image caption Bidh Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba a' toirt taic do choimhearsnachdan le diofar dhòighean air dealan a chruthachadh, a' cur an-àirde chrann-gaoithe nam measg.

Thèid bruidhinn mu mholaidhean gus companaidh chumhachd a stèidheachadh sna h-Eileanan an Iar aig coinneimh ann an Steòrnabhagh Dimàirt.

Tha a' bhuidheann Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba ag ràdh gun dèanadh e barrachd ciall dha na h-Eileanan a bhith a' cleachdadh an dealain a thathar a' cruthachadh an sin, seach a bhith a' feitheamh ri càball dealain a bheir an cumhachd gu Tìr Mòr.

Aig a' choinneimh, a chaidh a chur air dòigh le Comhairle nan Eilean Siar, bithear a' rannsachadh ciamar a ghabhas companaidh ionadail a chur air chois sna h-Eileanan airson a bhith a' ceannach agus a' reic chumhachd ath-nuadhachail.

Bruidhnidh eòlaiche às a' Chòrn, Ed Reed, bhon chompanaidh Cornwall Energy, mu na seòrsaichean cheadan a dh'fhaodar faighinn.

Le Mgr Reed an làthair mar neach-comhairleachaidh, gheibhear cothrom beachdachadh air grunn dhòighean air companaidhean den t-seòrsa seo a chur air chois.

Chùm Comhairle nan Eilean Siar coinneamh an-uiridh, far an d' fhuair iad rannsachadh bhon chompanaidh greenspaceLive, a thuirt gun gabhadh an leithid seo de phròiseict a dhèanamh sna h-eileanan.

Co-bhanntachd

Chaidh moladh dhaibh gum bu chòir dhaibh coimhead air co-bhanntachd a stèidheachadh le companaidh a tha mar-thà stèidhichte, leithid Good Energy, agus aig a bheil eòlas air ciamar a tha companaidh mar seo ag obrachadh.

An dèidh sin, sna bliadhnaichean a tha a' tighinn, nuair a bhiodh eòlas aca air gnothaichean, dh'fhaodadh iad an uair sin seasamh leotha fhèin.

Image caption Tha beachd ann gun dèanadh e barrachd ciall dha na h-Eileanan a bhith a' cleachdadh an dealain a thathar a' cruthachadh an sin, seach a bhith a' feitheamh ri càball dealain.

Bidh Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba a' toirt taic do choimhearsnachdan le diofar dhòighean air dealan a chruthachadh, a' cur an-àirde chrann-gaoithe nam measg.

Thathar a' sùileachadh gum bi trioblaid aig àiteachan leithid na h-Eileanan an Iar mura faigh iad ceangal gu Tìr Mòr.

Prothaid

Tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil e a' dèanamh ciall a bhith a' cruthachadh dealain sna h-Eileanan, a bhith a' pàigheadh airson fhaighinn gu Tìr Mòr, agus an uair sin a bhith a' pàigheadh an tuilleadh airson a thoirt air ais a-steach.

Nan gabhadh a chruthachadh sna h-Eileanan agus a reic ri muinntir nan eilean air prìs nas saoire, dhèanadh na companaidhean a tha ga chruthachadh prothaid nas fheàrr às.

Thathar mothachail nach bi e furasta companaidh dealain ùr a stèidheachadh, agus tha ceist ann mu dè cho cuideachail 's a bhios companaidhean leithid SSE, o chionn 's gur ann leothasan a tha an lìonra-dealain a th' anns na h-Eileanan an-dràsta.

Tha ceist cuideachd mu dè cho deònach 's a bhiodh riaghaltasan dèanamh cinnteach gu bheil lìonrathan-dealain freagarrach sna h-eileanan a leigeadh le pròiseactan, leithid companaidh dealain, a dhol air adhart - pròiseact a dh'fhaodadh dealan na saoire a thoirt do mhuinntir nan eilean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile