MacIlleMhìcheil: Buannachdan do dh'Alba san RA

Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil Thuirt Rùnaire na h-Alba gu bheil buannachdan mòra an lùib Alba a bhith a' fuireach mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Sgeulachdan co-cheangailte

'S e "mirage" a th' ann am Pàipear Geal Riaghaltas na h-Alba air neo-eisimeileachd, a rèir Rùnaire na h-Alba.

A' toirt seachad òraid ann an Sruighlea, thug Alasdair MacIlleMhìcheil iomradh air "luachan co-roinnte, oidhirpean co-roinnte agus euchdan co-roinnte" na Rìoghachd Aonaichte.

Thug e cuideachd mìneachadh air na buannachdan a tha Alba a' faighinn às an Aonadh.

Thug e rabhadh gu bheil an rèite fèin-riaghlaidh a th' ann an-dràsta "mì-chothromach", ag iarraidh tuilleadh chomasan cìs-thogail do Phàrlamaid na h-Alba.

Freagairt

Mar fhreagairt, tha Riaghaltas na h-Alba air 50 ceist fhoillseachadh don iomairt Nas Fheàrr Còmhla.

A' bruidhinn aig Oilthigh Shruighlea, thuirt an Rùnaire gu bheil buannachdan mòra an lùib Alba a bhith a' fuireach mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte - morgaidsean nas saoire, bancaichean nas sàbhailte agus peinnseanan nas fheàrr nam measg.

Start Quote

Gus lèirsinn Dhòmhnaill Dewar bho na 1990an a thoirt gu buil, mar a tha mi an dùil a ghabhas a dhèanamh, tha mi den bheachd gum feumar tuilleadh chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba, gu h-àraidh a thaobh togail chìsean.”

End Quote Alasdair MacIlleMhìcheil Rùnaire na h-Alba

Thuirt e gu bheil an ìre de chaitheamh airgid ann an Alba "10% nas àirde gu cunbhalach na an còrr den Rìoghachd Aonaichte", agus gu bheil companaidhean mòra air a bheil daoine eòlach agus dèidheil, leithid an NHS agus am BBC, "a' tarraing theaghlaichean còmhla".

Thug Mgr MacIlleMhìcheil slaic air a' Phàipear Gheal, a' cur às leth nan Nàiseantach gu bheil iad gealtach agus math air rudan a sheachnadh.

Thuirt e: "Is toil le na Nàiseantaich a bhith a' putadh an 'lèirsinn' a th' acasan de dh'Alba neo-eisimeileach, agus iad den bheachd gun toir am Pàipear Geal mìneachadh air.

"Chan toir. Chan e lèirsinn a th' ann, 's e "mirage" a th' ann. Mar as fhaisge a thèid thu, 's ann as fuadain a tha e a' fàs.

Fèin-riaghladh

Bhòtaidh Alba san referendum air neo-eisimeileachd air 18 Sultain, le luchd-bhòtaidh a' freagairt na ceiste: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?" Bu chòir / Cha bu chòir.

Ged a chaith e a-mach a' chùis airson neo-eisimeileachd, thuirt Mgr MacIlleMhìcheil gu bheil cùisean an-dràsta "mì-chothromach" agus gu bheil tuilleadh chomasan cìs-thogail a dhìth aig Holyrood.

Thuirt e gu bheil an tuilleadh fèin-riaghlaidh "riatanach gus crìoch a chur air pròiseict a thòisich sinne ann an 1988, le Achd na h-Alba".

Nicola Sturgeon Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba gu bheil freagairtean fhathast a dhìth bhon fheadhainn a tha an sàs san iomairt Nas Fheàrr Còmhla.

"Gus lèirsinn Dhòmhnaill Dewar bho na 1990an a thoirt gu buil, mar a tha mi an dùil a ghabhas a dhèanamh, tha mi den bheachd gum feumar tuilleadh chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba, gu h-àraidh a thaobh togail chìsean."

Ceistean cudromach

Mar fhreagairt air òraid MhicIlleMhìcheil, dh'fhoillsich Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, 50 ceist, ag ràdh gu bheil freagairtean a dhìth bhon fheadhainn a tha an sàs san iomairt Nas Fheàrr Còmhla.

"Tha Riaghaltas na h-Alba air leabhar fhoillseachadh anns a bheil 670 duilleag, a' mìneachadh phlanaichean an Riaghaltais airson Alba neo-eisimeileach, a' toirt freagairt do 650 ceist a chaidh a thogail leis a' phobaill.

"Ma tha deasbad cothromach gu bhith againn, tha e cudromach gun tèid a' cheart uimhir de dh'fhiosrachadh fhoillseachadh leis an fheadhainn a tha ag argamaid airson bhòtadh 'Cha bu chòir'.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.