Poilis gun amharas mu chorp

  • 13 Am Faoilleach 2014
Yulia Solodyankina
Image caption Chaidh Yulia, 22, fhaicinn mu dheireadh aig Stèisean Sràid Bhochanan ann an Glaschu air an 7mh den Ògmhios

Thuirt na poilis nach eil càil amharasach, aig an ìre seo, mun chorp a chaidh a lorg air a' mhonadh ann an Earra-Ghàidheal an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh an corp a lorg faisg air an A83, air iomall an Àrchair, Diardaoin.

Cha deach ainmeachadh fhathast, ach tha coltas gur e seo an corp aig Yulia Solodyankina, tè a bhuineadh dhan Ruis agus a bha na h-oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Thuirt poilis gu bheil an rannsachadh fhathast aig ìre gu math tràth agus gun tèid sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh.

Chaidh Yulia, 22, fhaicinn mu dheireadh aig Stèisean Sràid Bhochanan ann an Glaschu air an 7mh den Ògmhios.

Tha dùil gur dòcha gun deach i air bus a bha a' siubhail dhan Ghàidhealtachd no a dh'Earra-Ghàidheal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile