Rannsachadh poblach mu cheangal-rathad Inbhir Nis "nas coltaiche"

  • 13 Am Faoilleach 2014
An t-slighe a tha ga mholadh airson an rathaid ùir Image copyright BBC (le chead bho Chomhairle nan Gàidhealtachd)
Image caption Tha an t-slighe a thagh Comhairle na Gàidhealtachd air connspaid mhòr adhbharachadh.

Tha ceithir buidhnean aig a bheil fearann tron deigheadh an ceangal-rathad ùr an iar air Inbhir Nis air tagradh a dhèanamh an aghaidh mar a dh'fheumas iad a reic ri Comhairle na Gàidhealtachd.

Dheigheadh an rathad tarsainn air Abhainn Nis agus an Canàl Cailleannach is dhèanadh e ceangal eadar Rathad Dubhrais agus an A82.

Tha an t-slighe a thagh a' Chomhairle airson an rathaid ùir air connspaid adhbharachadh, 's luchd-iomairt a' cumail a-mach gun deigheadh pàirt de dh'àrainneachd phrìseil a' bhaile a chall.

A-nis tha cuid den fheadhainn aig a bheil talamh air an t-slighe a ghabhadh an rathad ùr air leigeil fhaicinn nach eil iad airson a thoirt seachad.

Am measg na tha a' cur an aghaidh an t-òrdugh CPO tha Iain agus Gail Dhòmhnallach, aig a bheil garaidse agus tuathanas ann an sgìre an Ailm.

Tha iad-san ag ràdh gun obraicheadh cuid de na slighean eile air an do bheachdaich a' Chomhairle nas fheàrr anns an ùine fhada.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh ge-tà, gum biodh an ceangal-rathad na fhuasgladh do thrioblaidean trafaig ann an Inbhir Nis, agus gun cruthaich e cothrom airson tuilleadh fearainn anns a' bhaile a leasachadh.

Bidh e an urra ri Riaghaltas na h-Alba co-dhùnadh am bu chòir rannsachadh poblach ionadail a bhith air a chumail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile