Coinneamhan mu chumhachdan ChNES

  • 13 Am Faoilleach 2014
Suaicheantas na h-iomairt
Image caption Tha CNES airson 's gum bi barrachd smachd aig eileanaich air an gnothaichean fhèin

Cumaidh Comhairle nan Eilean Siar sreath choinneamhan an t-seachdain-sa 's iad a' sireadh bheachdan mun iomairt aca gus tuilleadh chumhachdan a thàladh thuca fhèin.

Tha a' Chomhairle air a bhith ag obair ann an co-bhuinn le Comhairlean Arcaibh agus Shealltainn 's iad airson tuilleadh smachd fhaighinn air gnothaichean mu na cladaichean, an leithid an iasgach agus air grunn na mara.

Tha iad air grunn choinneamhan a chumail mar-thà le riochdairean bho Riaghaltasan Westminster agus Dhùn Èideann.

Dh'iarradh na comhairlean gum biodh barrachd smachd aig eileanaich air an gnothaichean fhèin, ge bith dè an taobh a thèid an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba anns an t-Sultain.

Cumar a' chiad choinneamh ann an Leòdhas oidhche Mhàirt.

"Adhartas"

Tha fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, misneachail mun adhartas a tha an iomairt air a dhèanamh gu ruige seo, agus tha e ag ràdh gu bheil e cudromach gum bi a' choimhearsnachd leotha.

"Tha na riaghaltasan fhèin air aontachadh ron Ògmhios gum bi rud aca air a chlàradh as urrainn dhuinn aontachadh air, agus tha sinn airson a bhith ann an suidheachadh cho làidir 's as urrainn dhaibh a bhith, leis a' choimhearsnachd leinn a thaobh nan còmhraidhean a bhios againn air na mìosan a tha romhainn."

Bidh na coinneamhan ann an Talla Chlann MhicGuaire ann am Borgh Dimàirt, ann an sgoil Dhalabroig agus ann an oifisean na Comhairle ann an Steòrnabhagh Diciadain, agus ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil agus ann an Sgoil Sir E Scott air an Tairbeart Diardaoin.

Bidh na coinneamhan uile a' tòiseachadh aig 7.30f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile