Uidheamachd rèidio ag adhbharachadh dàil

  • 13 Am Faoilleach 2014
Heileacoptair nam Maor-chladaich
Dh'fhaodadh gum biodh heileacoptair nam Maor-chladaich air a' chriubha a thogail na bu luaithe nam biodh iad air uidheamachd rèidio DSC a chleachdadh.

Tha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara, an MAIB, air moladh do sgiobairean bhàtaichean-iasgaich uidheamachd rèidio DSC a chleachdadh, a chuireas fios air seirbheisean teasairginn ann an suidheachadh èiginneach.

Nochd rannsachadh air mar a chaidh am bàt'-iasgaich, an Achieve, fodha faisg air na Hearadh an-uiridh, le call aon duine den chriubha, nach d' fhuair na maoir-chladaich fiosrachadh iomlan bhon eathair mu na bha a' tachairt, ag adhbharachadh dàil sa chùis.

Tha dùil gun do dh'fhalbh bòrd bhon t-slige agus gun tàinig uisge a-steach dhan bhàta, 's gun deach i fodha gu grad mu shia mìle an iar-thuath air Tarasaigh air an 21mh den Ghearran.

Mì-chinnt

Ged a rinn an sgiobair gairm èiginn air rèidio VHF, cha robh ùine aige innse càite an robh am bàta.

Dh'adhbharaich sin, agus mì-chinnt mu ainm a' bhàta, dàil de 45 mionaid air seirbheisean teasairginn.

Chaidh an sgioba de thriùir a thoirt gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh le heileacoptair nam Maor-chladaich, ach chaochail fear dhiubh, Tormod MacLeòid, nas anmoiche an oidhche sin.

A rèir aithisg an MAIB, dh'fhaodadh gum biodh heileacoptair nam Maor-chladaich air Mgr MacLeòid agus an dithis eile a bh' air bòrd a thogail na bu luaithe nam biodh iad air uidheamachd rèidio DSC a chleachdadh airson fios a sgaoileadh mu càite an robh iad.

Chaidh moladh a dhèanamh air sgiobair an Achieve, ge-tà, airson mar a làimhsich e an suidheachadh.