Corp ga lorg faisg air an Àrchar

  • 10 Am Faoilleach 2014
An t-Àrchar Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaidh an corp, a bh' air lobhadh gu dona, fhaighinn feasgair Diardaoin air taobh tuath Loch Long.

Tha Poilis na h-Alba a' rannsachadh às dèidh mar a chaidh corp a lorg air iomall an Àrchair ann an Earra-Ghàidheal.

Chaidh an corp, a bh' air lobhadh gu dona, fhaighinn feasgair Diardaoin air taobh tuath Loch Long, faisg air an A83.

Thuirt tè-labhairt bho Phoilis na h-Alba nach urrainn dhaibh fhathast dearbhadh an e corp fireannaich no boireannaich a th' ann, leis gu bheil an rannsachadh aca dìreach air tòiseachadh.

Thuirt iad cuideachd nach eil iad a' dèanamh ceangal, aig an ìre seo, eadar seo agus murt Suzanne Pilley.

Cha deach corp Suzanne a lorg on a chaidh i air chall ann an 2010.

Dà bhliadhna às dèidh sin, chaidh fear, David Gilroy, fhaighinn ciontach airson murt Suzanne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile