Teaghlach ag iarraidh rannsachadh tubaist bhàsmhor

  • 10 Am Faoilleach 2014
Bàta-teasairginn Image copyright PA
Image caption Tha athair an iasgair ag ràdh gu bheil feum air rannsachadh tubaist bhàsmhor gus dearbhadh dè dha-rìribh a thachair dha mhac.

Tha teaghlach iasgair a chaidh a mharbhadh nuair a chaidh am bàta aige fodha ann an Earra-Ghàidheal ag iarraidh rannsachadh tubaist bhàsmhor a chumail mu a bhàs.

Tha teaghlach Scott MhicAlasdair ag ràdh nach eil aithisg ùr bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a' mìneachadh dè dha-rìribh a dh'èirich dha.

Chaill Mgr MacAlasdair, a bha 40 bliadhna de dh'aois, a bheatha nuair a chaidh am bàta aige, Speedwell, fodha far Eilean Èisdeal, deas air an Òban sa Ghiblean an-uiridh.

Sàbhailteachd

Fhuair rannsachadh a rinn Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara nach robh an fheadhainn leis an robh am bàta air sgrùdaidhean sàbhailteachd a dhèanamh oirre mar bu chòir.

Bha an uidheamachd sàbhalaidh seann-fhasanta, agus cha deach dearbhadh gun robh e ag obrachadh ceart.

Mì-thoileachas

Tha athair an iasgair, Peadar MacAlasdair, ag ràdh gu bheil feum air rannsachadh tubaist bhàsmhor gus dearbhadh dè dha-rìribh a thachair dha mhac.

Chàin e Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich, an MCA, a leig leis a' bhàta a dhol gu muir gun sgrùdaidhean a bhith air a dhèanamh oirre fad ceithir bliadhna.

Thuirt e gum feum am bàta a bhith air a thogail far ghrunn na mara mus bi e comasach dearbhadh de a dh'adhbhraich an tubaist.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile