Nautilus Eadar-Nàiseanta
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu luchd-obrach ChalMac

10 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha aonadh ciùird a tha a' riochdachadh luchd-obrach nam bàtaichean-aiseig draghail gum faodadh obraichean a bhith ann an cunnart san àm ri teachd.

Thuirt Iar-Chathraiche Nautilus Eadar-nàiseanta gu bheil dragh sònraichte ann mu ChalMac - tha cunnart ann gun caill iadsan an cumhnant aca ann an 2016, 's gun tig companaidh eile a-steach a bhios a' fastadh chriùbhaichean nas saoire.