Coimisean a' càineadh "Fearann Fiadhaich"

  • 10 Am Faoilleach 2014
Beanntan na Hearadh
Image caption Tha sgìrean sna h-Eileanan, a thuilleadh air Tìr Mòr, fon phrosbaig.

Tha Coimisean na Croitearachd am measg na th' air draghan fhoillseachadh mu mholaidhean pàirtean mòra den Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan a chomharrachadh mar 'fearann fiadhaich'.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a' cur seo air adhart mar dhòigh air cuid de na monaidhean a dhìon.

Dh'ullaich SNH mapa bho chionn beagan mhìosan, a tha a' sealltainn 43 sgìrean de dh'Alba a tha iad airson comharrachadh mar Fhearann Fiadhaich.

Tha iad airson 's gun toir luchd-leasachaidh feart dha na sgìrean sin nuair a dh'iarras iad cead-dealbhachaidh airson pròiseactan anns na sgìrean, no faisg orra, leithid tuathan-gaoithe.

'S ann air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a tha a' mhòr-chuid dhiubh.

Co-chomhairleachadh

Thàinig co-chomhairleachadh air a' chùis gu crìch goirid ron Nollaig, agus chaidh suas ri 400 diofar bheachd a chur a-steach.

Tha Coimisean na Croitearachd draghail gun tèid na daoine a tha a' coimhead às dèidh an fhearainn a dhìochuimhneachadh.

Tha an dà chuid Coimisean na Croitearachd, agus Dualchas Nàdair na h-Alba nam buidhnean riaghaltais.

Tha cuideachd a' bhuidheann Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a' togail dragh mu dheidhinn nam planaichean, agus iadsan ag ràdh gur ann air sgàth nam Fuadaichean agus dol-a-mach nan uachdaran sna seann làithean a tha na monaidhean air a bheileas ag amas falamh san là an-diugh.

Tha iadsan gu math draghail gun cuir am mapa tuilleadh bacaidh air leasachaidhean.

Thuirt iad, ma 's e 's gun tèid mapa foirmeil aontachadh, gum bu chòir dha a dhèanamh soilleir cuideachd càite an robh an sluagh uaireigin a' fuireach.

Luchd-glèidhteachais

Tha luchd-glèidhteachais ge-tà, gu mòr airson a' phlana.

Thuirt Urras Iain Muir gun toireadh am mapa stiùireadh math do na comhairlean, do Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean eile a thaobh a bhith a' dìon an Fhearainn Fhiadhaich a th' anns an dùthaich.

Thèid na beachdan gu lèir a chaidh a chur a-steach sa cho-chomhairleachadh phoblach fhoillseachadh nas fhaide den mhìos seo, le molaidhean foirmeil an uair sin gan cur chun an Riaghaltais tràth sa bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile