Binn do dh'fhear a bha na chomhairliche

  • 9 Am Faoilleach 2014
Ailig MacLeòid Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Leig Mgr MacLeòid dheth a dhreuchd mar chomhairliche san t-Sultain an-uiridh.

Chaidh seirbheis anns a' choimhearsnachd a chur air Ailig MacLeòid, a bha na chomhairliche Nàiseantach do sgìre Landward an Gallaibh air Comhairle na Gàidhealtachd.

Leig Mgr MacLeòid dheth a dhreuchd mar chomhairliche san t-Sultain, nuair a chaidh casaidean a thogail na aghaidh.

Dh'aidich e san Dùbhlachd gun do rinn e foill le a chosgaisean taghaidh.

Binn

Aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diardaoin, chaidh òrdachadh dha 160 uair de thìde de dh'obair a dhèanamh sa choimhearsnachd.

Chaidh a mhìneachadh dha anns a' chùirt gun deach a' bhinn seo a chur air an àite binn prìosain, agus mura deigheadh aige air an òrdan a choileanadh airson adhbhar freagarrach, gun deigheadh coimhead às ùr air a' bhinn.

Chuala a' chùirt gun robh Mgr MacLeòid duilich airson na rinn e agus, gu sònraichte, airson an fheadhainn a bhòt air a shon san sgìre bhòtaidh aige.

B' e Mgr MacLeòid an comhairliche a b' òige riamh air Comhairle na Gàidhealtachd, aig 19, nuair a chaidh a thaghadh ann an 2012.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile