Fear a bhàsaich san Eilean Dubh air ainmeachadh

  • 9 Am Faoilleach 2014

Dh'ainmich na poilis duine a chaidh a mharbhadh ann an tubaist-rathaid san Eilean Dubh.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gun tachartas air an an A835, rathad Ulapuil, mu 6:30f air oidhche Mhàirt, ach cha b' urrainn dhaibh an dràibhear a shàbhaladh.

Bhàsaich Marko Srsen, a bha 44, aig làrach na tubaiste.

Bhuineadh Mgr Srsen do Chroàitia, ach bha e air a bhith a' fuireach ann an sgìre Cheann a' Mhìllidh de dh'Inbhir Nis airson grunn bhliadhnaichean.

Tha na Poilis airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic carbad Ford Ranger gorm ri taobh an rathaid eadar Baile Màiri agus an Todhar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile