Ministear Cumhachd na h-Alba an Nirribhidh

  • 9 Am Faoilleach 2014
Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing Image copyright (C) British Broadcasting Corporation
Image caption Tha Mgr Ewing air turas an Nirribhidh, far an toir e seachad òraid mu chumhachd.

Tha Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, ag ràdh gur e neo-eismeileachd an aon dòigh air an gabh Alba brath air na th' aig an dùthaich de stòras ola, gas agus cumhachd ath-nuadhachail.

Tha Mgr Ewing air turas ann an Nirribhidh, far an coinnich e ri riochdairean bho ghrunn chompanaidhean cumhachd, a thuilleadh air òraid a thoirt seachad aig coinneamh mu chumhachd.

Thathar an dùil gun toir e iomradh na òraid air mar a dh'fhaodadh prìomhachas agus àite nas motha a bhith aig Alba neo-eisimeileach, cuide ri Nirribhidh, ann am margaidh chumhachd na Roinn Eòrpa.

Canaidh e gun urrainnear seo a dhèanamh leis gu bheil uimhir de eòlas aig an dà dhùthaich air cùisean ath-nuadhachail, a bharrachd air ola agus gas.

Tha Mgr Ewing den bheachd gu bheil feum air neo-eisimeileachd airson làn-fheum fhaighinn bho chumhachd ath-nuadhachail na h-Alba.

Ach, tha Ministear Dùbhlanach a' Chumhachd ann an Westminster, Tom Greatrex, a bhios cuideachd a' bruidhinn às leth na buidhne iomairt Nas Fheàrr Còmhla, ag ràdh gur ann air sàilleabh co-obrachaidh mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte a tha e comasach do dh'Alba uimhir de dh'fheum fhaighinn bho phròiseactan chumhachd ath-nuadhachail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile