Dragh mu ghainnead uisge an Slèite

  • 9 Am Faoilleach 2014
Uisge
Image caption Dh'atharraich Uisge na h-Alba an loch às an toirear uisge ann an Slèite o chionn trì bliadhna.

Tha dragh ann an Slèite às dèidh mar a b' fheudar do dh'Uisge na h-Alba uisge a thoirt a-steach dhan sgìre ann an tancairean, a dh'aindeoin cho fliuch 's a tha i air a bhith.

Thòisich iad a' toirt thancairean mòra uisge às a' Chaol bho chionn dà mhìos, cleas mar a rinn iad air a' Gheamhradh a chaidh.

Chan e nach eil uisge gu leòr ann ach gu bheil an droch shìde air salachar fhàgail anns an aona loch a tha a-nis a' frithealadh na sgìre.

Sgrìobh Comhairle Coimhearsnachd Shlèite gu Uisge na h-Alba agus thuirt an cathraiche, Ruairidh Moireach, gun toir iad a' chùis chun Ombudsman mur a fhaigh iad fuasgladh a riaraicheas iad.

Poll

"Tha dragh air a bhith oirnn bho chionn faisg air trì bliadhna a-nise mu dheidhinn suidheachadh an uisge ann an seo," thuirt e.

"Dh'atharraich iad na lochan às an robh an t-uisge a' tighinn, 's chuir iad a h-uile càil a bh' ann dhan aon àite.

"Tha sinne air a bhith a' cumail a-mach on uair sin nach eil an loch às a bheil iad a' toirt an uisge freagarrach idir idir airson an rud a tha iad a' feuchainn ri dhèanamh.

"Tha i fada nas lugha na an fheadhainn a bh' ann ron a seo; tha tòrr puill timcheall air na h-oirean aice, agus tha e follaiseach a-nise gu bheil am poll sin, nuair a bhios an droch shìde ann 's nuair a tha iad a' toirt cus uisge a-mach àiste, a' dol dhan t-sìlteachan a tha an t-uisge a' dol troimhe, agus tha sin a' lìonadh an-àirde a h-uile àite, agus tha a h-uile càil a th' ann a' stad.

"Bha iad a' toirt uisge a-steach ann an tancairean mun tìde seo an-uiridh, airson dà mhìos, agus gheall iad dhuinn gun cuireadh iad sìlteachain ùra an àite, agus gun deadh a h-uile càil a chur air dòigh a-mach tron t-Samhradh.

"Ach a-rèir choltais cha do thachair sin, agus tha na tancairean sin a-niste, ochd tancairean anns an là a' tighinn às a' Chaol le bùrn airson suidheachadh Shlèite a riarachadh.

"Saoilidh sinn gu bheil sin uabhasach fhèin mì-chiatach, 's nach eil dòigh air am bu chòir sin a bhith a' tachairt, agus chan eil a dhìth oirnn ach 's maithte, ma thig sneachda, no reothadh, no tubaist air an rathad, agus feumaidh na tancairean sin stad, agus bidh sinn às aonais uisge.

"Chan eil sin freagarrach idir idir," thuirt e.

Dhearbh Uisge na h-Alba gun tug an droch shìde buaidh air an uisge a thig às an loch agus gum b' fheudar dhaibh tancairean a thoirt a-steach airson dèanamh cinnteach gun robh uisge an luchd-cleachdaidh sàbhailte.

Thuirt iad gun tòisich obair as t-Samhradh air siostam glanaidh nas fheàrr.

Thuirt iad cuideachd gun robh misneachd aca sna deuchainnean a rinn iad a dhearbh gum b' urrainn do Loch Mhic'illeMhìcheil coinneachadh ri feumalachdan a h-uile taighe ann an Slèite agus na taighean a bharrachd a bhios ann an cois pròiseact na Cille Bige.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile