A9 air fosgladh às dèidh tubaiste

  • 9 Am Faoilleach 2014
Seacaid Phoilis
Image caption Chaidh seach-shlighe còrr is 150 mìle de dh'fhaid a chur mu choinneimh dhràibhearan.

Chaidh còignear a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaist-rathaid air an A9 oidhche Chiadain.

Bha an rathad dùinte grunn uairean de thìde aig Dail na Ceardaich faisg air Dail Chuinnidh, fhad 's a rinn na seirbheisean èiginn rannsachadh.

Chaidh fhosgladh a-rithist goirid ro 09:00m.

Thachair an tubaist air earrainn singilte den rathad air oir Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, mu mhìle gu Deas air Dail Chuinnidh.

Thuirt na Poilis gun tàinig làraidh agus càr an comhar a chèile goirid às dèidh meadhan oidhche, agus gun deach na h-uimhir de dhaoine a ghiùlain dhan ospadal le heileacoptair agus carbadan-eiridinn.

Fhad 's a bha an rathad dùinte, bha Trafaig Alba ag ràdh gum feumadh daoine an A85, an A82 agus an A86 a chleachdadh ma bha iad a' siubhail gu Deas no gu Tuath - astair de chòrr is 150 mìle a bheireadh suas ri ceithear uairean de thìde.