Gaeil gan cur a-mach à tacsaidh an Glaschu

  • 8 Am Faoilleach 2014
Tacsaidh Image copyright PA
Image caption Chaidh gearain oifigeil a thogail ris a' chompanaidh thacsaidh, agus ris a' Chomhairle.

Tha dràibhear tacsaidh prìobhaideach ann an Glaschu fo rannsachadh, agus gearain air a thogail gun do chuir e ceathrar Èireannach a-mach às an tacsaidh aige airson Gaeilge a bhruidhinn.

Dh'innis an dràibhear, a tha ag obair dhan chompanaidh Hampden Cabs, do dhithis den cheathrar, à Co. Dhún na nGall, sguir a bhruidhinn "sa chànan sin."

'S e a' Ghaeilge a' chiad chànan aig Joe agus Antoin de Blárach, a tha 19 agus 21 bhliadhna de dh'aois.

Bha iad san tacsaidh le an co-ogha, Kathleen McAleer, a' falbh eadar dà thaigh air taobh a deas a' bhaile, Diluain 16mh an Dùbhlachd.

"Cha robh mo cho-oghaichean ach a' bruidhinn ri chèile sa Ghaeilge, an ciad chànan," thuirt i.

"Thionndaidh an dràibhear 's thuirt e riutha "sguir a bhruidhinn sa chànan sin."

"Cha robh fhios againn mar a ghabhadh sin ri sin. Thuirt e: "Nuair a tha sibh ann am Breatainn, 's e a' Bheurla a bhios agaibh."

"Thuirt mi ris an dràibhear "Gabh mo leisgeul. Tha sin mì-chiatach!"

"Thuirt e an uair sin: "Ma tha iad airson an cànan sin a bhruidhinn, a-mach às mo thacsaidh leotha."

"Ghabh sinn a-mach, 's dhiùlt sinn pàigheadh."

Thog Ms McAleer a' chùis le Hampden Cabs agus Comhairle Baile Ghlaschu.

Feumaidh dràibhearan tacsaidh dearbhadh gu bheil iad freagarrach airson cead fhaighinn bhon chomhairle.

Dhearbh a' Chomhairle gu bheil iad a' rannsachadh a' ghearain oifigeil.

Thuirt labhraiche: "Fhuaireadh gearain mu thachartas gràin-cinnidh, ma 's fhìor, agus thèid sin a rannsachadh a rèir nan dòighean iomchaidh le sgioba smachdachaidh thacsaidh na Comhairle."