A' leughadh aghaidh na tìre

Beinn Dòbhrain Tha ainmean-àite tric a' nochdadh ann an obair bhàrd leithid Dhonnchaidh Bhàin Mhic an t-Saoir.

Thèid leabhar ùr fhoillseachadh a tha ag amas air tuigse nas fheàrr a thoirt do dhaoine air na h-ainmean Gàidhlig a th' air mapaichean na h-Alba.

Tha "Leughadh Aghaidh na Tìre" ag amas gu h-àraidh air daoine aig nach eil Gàidhlig - ach a bhios a' cur seachad ùine air a' bhlàr a-muigh.

Tha buaidh na Gàidhlig ri fhaicinn air iomadach mapa de dh'Alba, le ainmean aig na Gàidheil airson gach cloiche, gach uillt agus tuim ann am mòran sgìrean.

Tha an leabhar seo ag amas air na h-ainmean a tha a' nochdadh ann an cruth-tìre na h-Alba a mhìneachadh.

Brìoghmhor

Thuirt ùghdar an leabhair, Iain Moireach: "Tha sinn ag iarraidh gum bu cùisean nas brìoghmhoire do dhaoine air Ghàidhealtachd - nuair a choimheadas iad air mapa loma-làn litreachadh Gàidhlig, gum bi iad comasach air na h-ainmean fhuaimneachadh.

"Bhiodh e math nam biodh eòlas aig daoine gur ann aig Creag a' Chaorainn no ri taobh an Eas Dhuibh a tha iad," thuirt e.

Start Quote

'S e an trioblaid gu bheil cho beag de dhaoine ann aig a bheil Gàidhlig an-diugh ann an Alba, agus nach eil iad a' tuigsinn cho luachmhor 's a tha na h-ainmeanan sin.”

End Quote Iain Dòmhnallach

Gheibhear mìneachadh san leabhar air ainmean co-cheangailte ri lusan, craobhan, beathaichean agus uisgeachan, agus mu bhuaidh na tìre air òrain, rosg agus rannan Gàidhlig.

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Tha ainmean-àite tric a' nochdadh ann an obair bhàrd leithid Dhonnchaidh Bhàin Mhic an t-Saoir.

Tha Iain Dòmhnallach a' faicinn luach mòr anns an leabhar: "An rud a tha uabhasach ùidheil, 's e an dòigh anns a bheil e a' coimhead air mar a chleachd Donnchadh Bàn na h-ainmeanan," thuirt e.

"Anns an fharsaingeachd, ionnsaichidh tu mòran mu eachdraidh àite, cò a bh' ann, agus dè a bha iad ris.

"'S e an trioblaid gu bheil cho beag de dhaoine ann aig a bheil Gàidhlig an-diugh ann an Alba, agus nach eil iad a' tuigsinn cho luachmhor 's a tha na h-ainmeanan sin," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Thathas an dòchas gun toir an leabhar cuideachd cothrom do luchd-ionnsachaidh agus sgoilearan an cuid briathrachais a leudachadh, agus barrachd eòlais air ainmean-àite Gàidhlig.

Thèid an leabhar fhoillseachadh air an-ath-mhìos.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.