Briseadh-dùil mu sheirbheisean bus

Bus Bha Riaghaltas na h-Alba a' tabhann taic-airgid do choimhearsnachdan airson leudachadh agus leasachadh a thoirt air seibheis bhusaichean.

Cha d' fhuair muinntir Uibhist sgillinn ruadh bho Riaghaltas na h-Alba airson leudachadh agus leasachadh a thoirt air seirbheis bhus an eilein.

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist gu bheil e tàmailteach gun d' fhuair pròiseact ann an Inbhir Nis £700,000 bho Mhaoin Seilbh nam Busaichean, 's gun sgillinn a' dol a dh'Uibhist.

Bha Riaghaltas na h-Alba a' tabhann taic-airgid do choimhearsnachdan airson leudachadh agus leasachadh a thoirt air seirbheis bhusaichean air feadh na dùthcha.

Chuir muinntir Uibhist a-steach air a shon, ach, aig a' cheann thall, cha do shoirbhich leotha.

Start Quote

Tha e caran tàmailteach, leis cho feumail 's a tha e, agus an taic a tha a dhìth air buidhnean ann an sgìrean iomallach mar seo, nach eil an Riaghaltas a' faicinn sin.”

End Quote Ùisdean Robasdan Comhairliche
Tàmailteach

Ach fhuair Inbhir Nis, am baile as beairtiche air Ghàidhealtachd, faisg air trì chairteal de mhillean not, a rèir fear de chomhairlichean an eilein.

Chuir seo an fhearg air Ùisdean Robasdan.

"Chan eil tuigse againn air fhathast, ach chaidh litir bhon bhuidhinn chun Riaghaltais airson barrachd mìneachaidh.

"Rinneadh gu math soilleir cho cudromach 's a tha seirbheisean bhusaichean ann an sgìre mar seo.

"Tha e caran tàmailteach, leis cho feumail 's a tha e, agus an taic a tha a dhìth air buidhnean ann an sgìrean iomallach mar seo, nach eil an Riaghaltas a' faicinn sin," thuirt Mgr Robasdan.

Còmhdhail na h-Alba

Thuirt neach-labhairt bho Chòmhdhail na h-Alba gun fhuair iad 45 iarrtas agus gun deach iad uile a mheasadh a rèir riaghailtean a' mhaoin.

"Chaidh 13 pròiseactan a thaghadh, nam measg aon à sgìre Chomhairle na Gàidhealteachd.

"Bidh cothrom eile ann iarrtasan a chur chun mhaoin ann an 2014," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.