Muir a' cur bacadh air seirbheisean-adhair

  • 8 Am Faoilleach 2014
Port-adhair Bharraigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S e Barraigh an aon àite san t-saoghal far am bi itealain a' laighe air tràghad.

Thug an t-sìde-mhara buaidh air cha-mhòr 30 seirbheis-adhair gu Eilean Bharraigh aig àm na Nollaige.

Tha Loganair ag ràdh, leis a' ghlainne aig an ìre as ìsle airson 120 bliadhna, nach b' urrainn dhan itealain laighe air an Tràigh Mhòir cho tric 's a bu chòir.

'S e Barraigh an aon àite san t-saoghal far a bheil plèanaichean a' laighe air tràghad.

Tha beachd ann nach do chuir an làn bacadh air plèanaichean a bhith a' laighe air an tràghad riamh roimhe.

Thàinig dàil air 20 seirbheis-adhair, agus chaidh ceithir eile a chur dheth uile gu lèir bhon 20mh là den Dùbhlachd.

Thuirt fear-labhairt bho Loganair gun robh an làn aig ìre nas àirde na bha dùil, agus nach b' urrainn dhaibh laighe seach nach robh e sàbhailte.

Anns a' mhòr-chuid de shuidheachaidhean, dh'innis e gun deach an luchd-siubhail a sgèith gu Beinn nam Fadhla agus gun do dh'fhalbh iad dhachaigh à sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile