Clach-mhìle Inbhir Narann

  • 8 Am Faoilleach 2014
Pàirc an Stèìsein
Image caption 'S e bliadhna shònraichte a bhios ann do Nairn County

Bidh mòran a' cuimhneachadh air 1914 anns na mìosan ri tighinn is ceud bliadhna ann bho thòisich An Cogadh Mòr.

Ann an Inbhir Narann, bithear cuideachd a' comharrachadh rudeigin car diofraichte - ceud bliadhna bho fhuair cluba ball-coise a' bhaile, Nairn County, ballrachd ann an Lìog na Gàidhealtachd.

Ged a bha sgioba Nairn County air a bhith a' cluich 'son fichead bliadhna ron a sin, 's e ceum mòr a bha seo dhan bhaile.

Thug na bha a' dol anns an Roinn Eòrpa ann an 1914 buaidh air gnothaichean ge-tà, is ged a fhuair an cluba ballrachd ann an Lìog na Gàidhealtachd sa bhliadhna sin, chuir an Cogadh Mòr stad an uair sin air an fharpais.

Air a' cheann thall 's e cuid de bhalaich a' bhaile a bha air tilleadh dhachaigh às an t-strì san Roinn Eòrpa a chuir an cluba air a chasan às ùr.

Sgrìobh fear de na balaich dhan phàipear-naidheachd ionadail, an Nairnshire Telegraph, a ghearain gun deach stad a chur air seann shaighdearan a bha a' cluich ball-coise air a' mhachair.

Maslachadh

B' e maslachadh a bha sin, thuirt e, gu h-àraidh leis gun robh cead aig saighdearan Canadianach ball-coise is baseball a chluich air a' mhachair tro bhliadhnaichean a' chogaidh.

Tha e coltach gun robh na h-uimhir de thaic ann dha balaich a' bhuill-choise sa bhaile is dh'aontaich Comhairle Inbhir Narann air a' cheann thall pàirce a chur air dòigh dhaibh ri taobh an stèisein.

Mu dheireadh thall ma-tha, b' ann an 1919 - còig bliadhna às dèidh toiseach a' chlub san lìog - a chluich sgioba Inbhir Narann a' chiad gheama aca ann an Lìog na Gàidhealtachd.

Tha muinntir a' bhaile air tlachd mòr fhaighinn bhon 'Wee County' bhon uair sin, ged a bha aca ri feitheamh ùine mhòr gus an lìog a bhuannachadh.

Thàinig an t-urram sin mu dheireadh thall ann an 1975/76 is tha iad a' bruidhinn mu dheidhinn fhathast ann an Inbhir Narann.

"Air leth"

"'S e bliadhna air leth a bha sin," thuirt Dòmhnall MacUilleim, a tha a' leantainn County.

"Bha sinn air na h-aon phuingean ris a' Bhruaich aig mullach na lìge is bha againn ri geama dearbhaidh a chluich ann an Eilginn,

"Bha còrr is 3,000 ann is bàtaichean na Bruaiche uile ceangailte aig caladh, ach bhuannaich Inbhir Narann 2-1 às dèidh ùine a bharrachd," thuirt e.

Chan eil County air an lìog a bhuannachadh bhon uair sin, ged a tha iad air a bhith a' farpais aig a' mhullach anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh.

Chan ann air a' phàirc a-mhàin a tha iad air adhartas a dhèanamh ge-tà.

Leasachadh

Rinneadh leasachadh mar thà air an stand aig Pàirc an Stèìsein, is thèid an tuilleadh a dhèanamh air a' ghoireas, agus air an fhasgadh aig taobh thall na pàirce.

Tha a h-uile coltas ann gur e cluba adhartach a tha seo le freumhan làidir sa choimhearsnachd.

"Tha sgioba mhath air a' phàirce is sgioba mhath de luchd-leantainn, agus de luchd-stiùiridh is a' chomataidh," thuirt fear de mhuinntir an àite, Des Scholes.

"Tha a h-uile duine ag obair còmhla is tha sinn a' coimhead air adhart ris an ath 100 bliadhna a-nise," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile