Barrachd a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe

  • 7 Am Faoilleach 2014
Duine ag òl
Thuirt ceannard nan rathaidean aig Poilis na h-Alba, Niall Lumsden, gur e bristeadh-dùil mòr a th' anns na h-àireamhan.

Thàinig àrdachadh san àireamh de dhaoine aig tuath a chaidh a ghlacadh is iad a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe thairis air àm na nollaig.

Anns a' mhìos a chaidh seachad chaidh 42 dràibhear a ghlacadh air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, an coimeas ri 40 aig an aon àm an-uiridh.

A thuilleadh air an sin, chaidh triùir a' lorg is iad a' dràibheadh fo bhuaidh dhrogaichean.

Chaidh còrr is 1,100 dràibhear a stad uile gu lèir.

Thuirt ceannard nan rathaidean aig Poilis na h-Alba, Niall Lumsden, gur e bristeadh-dùil mòr a th' anns na h-àireamhan.

Thuirt Mgr Lumsden gun do chur na dràibhearan iad fhèin agus am poball ann an cunnart am beatha.

Thuirt e cuideachd gun lean na poilis orra a bhith a' stad dhràibhearan tron bhliadhna a tha romhainn.