Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

In-imrich

Tha Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, a' cur teagamh ann am plana Dhaibhidh Chamshroin airson in-imreachas a ghearradh gu nas lugha na 100,000 ron Taghadh Choitcheann an ath-bhliadhna. Thuirt Mgr Cable nach gabh an àireamh sin coileanadh, agus nach do ghabh na Lib-Deamaich ann an Riaghaltas na co-bhanntachd riamh ri smachd den t-seòrsa sin air in-imrich. Thuirt Mayor Lunnainn, Boris Johnson, an-diugh gum bu chòir casg fad dà bhliadhna bho shochairean a chur air feadhainn a nì in-imrich dhan Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Mgr Johnson gur e rud reusanta a bhiodh an sin airson smachd a chur air feadhainn a tha a' tighinn a Bhreatainn airson brath a ghabhail air siostam nan sochairean. Na bu tràithe an-diugh, thuirt Ceannard UKIP, Nigel Farage, gum bu chòir casg còig bliadhna a bhith air an leithid.

Co-dhearbhadh

Tha dithis a bha nan ceannardan lagh ann an Alba, am Morair Hamilton 's am Morair Cullen, a' cur teagamh ann am plana Riaghaltas na h-Alba airson cuir às den earrainn den lagh far am bheil co-dhearbhadh, corroboration, a dhìth airson duine a dhìteadh. Tha na Morairean ag ràdh gu bheil an earrainn sin den lagh a' dèanamh cinnteach nach tèid duine a dhìteadh gu ceàrr, ach tha Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, ag ràdh gun toir atharrachadh piseach air siostam a' cheartais.

Dinnearan sgoile

Thig dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba an-diugh gun tèid dinnearan sgoile an asgaidh a thoirt do chloinn anns a' chiad thrì bliadhna sa bhun-sgoil. Chaidh an aon sheòrsa sgeama a stèidheachadh ann an Sasainn mar-thà. Chuir buidhnean cloinne fàilte air an sin agus iad ag ràdh gu bheil mòran theaghlaichean ann nach eil a' faighinn biadh sgoile an asgaidh, ged a tha iad ann am bochdainn.

Sìde

Tha tuinn mhòra agus làn-àrd a' toirt buaidh air mòran sgìrean air costa an iar Bhreatainn an-diugh a-rithist. Tha trì sgìrean ann an Sasainn fo rabhadh mu fhìor-chunnart bho thuiltean.

Tuiltean

Thèid faighneachd de Riaghaltas na h-Alba dè an seòrsa taic a bheir iad do sgìrean ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh air an tàinig call le tuiltean bho chionn ghoirid. Bidh Ball Làbarach na sgìre, Elaine Mhoireach, a' cur na ceist sin ann am Pàrlamaid na h-Alba an dèidh dhan sgìre fulang le tuiltean cho dona 's as cuimhne le mòran.

Na Stàitean Aonaichte

Chaidh comhairle a thoirt air daoine ann am pàirtean de Na Stàitean Aonaichte iad fuireach san dachaigh agus aimsir fìor fhuar a' gluasad bho mheadhan na dùthcha gun chost an ear. Tha sgoiltean agus gnìomhachasan dùinte, seirbheisean adhair air an cur dheth, agus mòran rathaidean dùinte le sneachda agus reothadh.