Nic a' Phì air ais air a' bhaidhsagal

  • 7 Am Faoilleach 2014
Kerry Nic a' Phì agus Charline Joiner Image copyright Kerry Nic a' Phì
Image caption Dh'fhuiling Nic a' Phì "beagan criothnachadh-eanchainn", fhad 's a bhris Joiner trì cnàmhan na cnàmh-droma.

Dh'fhuiling an rothaiche Kerry Nic a' Phì criothnachadh-eanchainn ann an tubaist bhaidhsagail san Spàinn Disathairne.

Thàinig Nic a' Phì, à Uibhist a Deas, agus tè eile bho sgioba na h-Alba, Charline Joiner, bho na baidhsagalan agus iad a' trèanadh còmhla ris an sgioba.

Choisinn Nic a' Phì ceithir buinn aig na Geamaichean Eileanach ann am Bermuda an-uiridh - dà bhonn òir mar phàirt de sgioba triathlon nam ban agus, ann am baidhseagalachd, buinn umha ann an rèisean an "time-trial" agus an "criterium".

Leònte

Dh'innis Nic a' Phì air Twitter gun do dh'fhuiling i "beagan criothnachadh-eanchainn", fhad 's a bhris Joiner trì cnàmhan na cnàmh-droma.

Thuirt Nic a' Phì: "Criothnachadh-eanchainn agus patan a-mhàin. Dìreach a' rèiseadh aig astar. Tillidh mi thuige a-màireach."

Thuirt Scottish Cycling gu bheil Joiner, à Dùn Phàrlainn, a' dèanamh adhartais san ospadal agus gu bheil a cor seasmhach.

Choisinn Joiner bonn airgid aig Geamannan a' Cho-Fhlaitheis ann an Delhi ann an 2010.

Tha an dithis nighean an dòchas Alba a riochdachadh aig Geamannan a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu as t-Samhradh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile