Ministear a' call a cheangail ri Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

  • 6 Am Faoilleach 2014
Cupal gèidh
Thuirt a' Chomhairle gun robh na sgrìobh an t-Urr. MacAonghais a' dol an aghaidh feallsanachd na sgoile.

Chaidh innse do mhinistear a sgrìobh air Facebook gun robh rudeigin ceàrr air daoine a tha gèidh nach bi e tuilleadh na sheaplain aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Bha pàrantan air gearain mu dheidhinn nam beachdan a dh'fhoillsich an t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, bho Eaglais na h-Alba.

A' sgrìobhadh air Facebook air 20mh an t-Samhain, thuirt an t-Urr. MacAonghais:

"'S e briseadh dùil mòr a th' anns an taic a tha ar luchd-poileataigs Albannach a' cur ri pòsadh aon-ghnèitheach.

"Tha Crìosdaidhean a tha a' creidsinn na Fìrinne a' cur an aghaidh seo air sgàth 's gu bheil am Bìobal a' cur na aghaidh.

"Chan eil sinn nar homophòbaich, agus dha-rìribh tha tomhais mhòr de cho-fhaireachdainn aig mòran againn ris an fheadhainn a tha a' fulang a' chlaoinidh seo.

"Bha mòran againn, mi fhèin nam measg, ag aontachadh gun robh compàirteachasan sìobhalta a dhìth gus nach dèante leth-bhreith fon lagh air feadhainn a tha a' fulang a' chlaoinidh seo ri linn an cuid gnèitheachd. Shaoileadh tu gun robh sin gu leòr airson a' choimhearsnachd gèidh a ghabhail a-steach.

"A' coimhead air ais, cha robh, agus tha mi an amharas nach bi pòsaidhean aon-ghnèitheach nas motha. Bidh sinn a-nis an dùil gun atharraichear curriculum na sgoile gus an ionnsaichear am fiarachadh seo do ar cuid cloinne mar rud math.

"Chan e co-ghnèitheachd an aon pheacadh air a bheil am Bìobal a' cur sìos, agus 's dòcha gu bheil an eaglais, gu h-eachdraidheil, air cus cuideam a chur air seach peacaidhean eile. Ach 's e peacadh a th' ann.

"Tha mi an dùil, san àm ri teachd, gun cuir ar luchd-poileataigs tuigseach reachdas an àite a' cur bacadh air sgaoileadh facail Dhè air a' chuspair seo, agus cuspairean eile," thuirt e.

Thuirt Cathraiche Comhairle Phàrantan na Sgoile, Dòmhnall MacIlleDhuinn, nach robh na beachdan a' tighinn a rèir seasamh na sgoile air co-ionnanachd.

"Chan aontaicheamaid ris an leithid seo de bheachdan, agus tha fios againn gun do rinn an sgoil mar a bha an sgoil a' faicinn iomchaidh.

"Chaidh ceuman a ghabhail mar fhreagairt air na beachdan, agus chan eil sinne ag aontachadh ris na beachdan. Ann an coimhearsnachd an là an-diugh, cha chreid mi gum biodh leithid de bheachdan aig pàrantan na sgoile nas motha."

Thuirt Comhairle Bhaile Ghlaschu gun robh còir aig an Urr. MacAonghais a bheachd fhèin a bhith aige, ach gun robh na sgrìobh e a' dol an aghaidh bheachdan na sgoile.