Sreapadair air tuiteam 800 tr

  • 6 Am Faoilleach 2014
An Sreapadair
Chaidh am fireannach a thoirt às a' bheinn ann an "aimsir dhùbhlannaich."

Tha sreapadair a' faighinn cùraim san osapadal an Obar Dheathain an dèidh dha tuiteam 800 tr (250m) le creig sa Mhonadh Ruadh.

Thuit am fireannach, 25 bliadhna de dh'aois, nuair a bha e a' coiseachd le dithis eile ann an Coire an Spùtain Deirg mu 3:30f Didòmhnaich.

Thuirt Poilis na h-Alba gun robh sgioba-teasairginn air an duine a lorg mu 6:30f, 's air a thoirt a-mach às a' bheinn air streadsair ann an "aimsir dhùbhlannaich."

Chaidh a thogail gu Infirmary Rìoghail Obar Dheathain ann an heileacoptair leis an RAF.

Bha a' bhuidheann leis an robh e a' coiseachd iar tighinn à Sasainn, 's iad am beachd là no dhà a chur seachad sna beanntan.