Cala Ulapuil ga leasachadh

  • 6 Am Faoilleach 2014
Ulapul Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tòisichidh an MV Loch Seaforth air an t-slighe san Lùnastal.

Tòisichidh obair-leasachaidh air caladh Ulapuil Diluain air thoiseach air aiseag ùr air slighe Steòrnabhaigh anns an Lùnastal.

Thèid leudachadh a dhèanamh air a' chidhe agus ionad ùr do luchd-siubhail a thogail.

Tha dùil gum mair an obair sia mìosan, air thoiseach air a bhàt-aiseig ùr, an MV Loch Seaforth, tòiseachadh air an t-slighe.

Tha alt-coiseachd ùr ga thogail anns an Spàinn an-dràsta, airson luchd-siubhail air chois a thoirt air bòrd an t-soithich ùir.

Thèid cuideachd pìos a tha iad gus a chur ris a' chidhe a thogail air Uisge Chluaidh, 's a shlaodadh gu tuath sa Chèitean.

'S iad a' chompanaidh RJ MacLeod a fhuair am prìomh-chùmhnant airson na h-obrach.