Rabhadh mu thuiltean air a' Chosta an Iar

  • 3 Am Faoilleach 2014
Taigh-solais Àird Rosain Image copyright Getty Images
Image caption Chì Dihaoine an làn-mara as àirde den bhliadhna.

Tha droch shìde a' toirt buaidh air mòran sgìrean den dùthaich a-rithist Dihaoine.

Tha mu 40 rabhadh tuile an sàs air feadh na h-Alba, ach 's ann air taobh Siar na dùthcha is motha a tha an cunnart.

Chìthear an làn-mara as àirde den bhliadhna feasgar agus eadar sin, tuinn àrda, gaoth làidir agus uisge trom tha dùil gum bi tuiltean nan trioblaid air a' chosta an Iar bho Dhùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh suas chun an Òbain, an Gearasdan agus Tiriodh.

Chaidh coinneamh a chumail le Riaghaltas na h-Alba a dheasbad na ghabhas dèanamh airson buaidh na droch shìde a lagachadh, agus tha iad ag ràdh gu bheil iad air seirbheisean bus a chur air dòigh ann an sgìrean far a bheil tuiltean buailteach na loighnichean rèile a chur fodha.

Tha dùil gun cuir a' ghaoth bacadh air seirbheisean aiseig, agus tha rabhadh ga thoirt do luchd-siubhail gum faodadh dàil a bhith air cuid de sheòlaidhean, no gun tèid an cur dheth uile gu lèir.

Anns na h-Eileanan Siar, bha an làn àrd sa mhadainn air Sràid a' Mhol a Tuath ann am meadhan bhaile Steòrnabhaigh a dhùnadh, ach tha i a-niste fosgailte a-rithist.

Bha dragh sa mhadainn mun Fhadhal a Tuath ann an Uibhist cuideachd, a chaidh sin fhosgladh a-rithist, le rabhadh gum bu chòir a bhith air faiceall.

Thathas ag iarraidh air daoine gun iad fhèin a chur ann an cunnart, gu h-àraid an cois a' chladaich.