Poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh tubaist rathaid

  • 3 Am Faoilleach 2014
Oifigear poilis
Image caption Dh'iarradh am poileas cluinntinn bho dhuine sam bith a bh' anns an sgìre eadar 04:00 agus 04:30 air madainn Là na Bliadhn' Ùire.

Dh'iarradh am poileas fhathast cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair ann an tubaist rathaid san Aghaidh Mhòir.

Thachair an tubaist air rathad an A95 ann an uairean beaga na maidne, Là na Bliadhn' Ùire, mu dhà mhìle tuath air a' bhaile.

Bhuail carbad ann am fireannach 18 bliadhna a dh'aois, mu 04:30m.

Chaidh an duine a leòn ach tha e a' faighinn seachad air, agus thathar an dùil gun tèid a leigeil a-mach às an ospadal sna beagan làithean a tha romhainn.

Tha na poilis airson cluinntinn bho dhuine sam bith a bh' anns an sgìre eadar 04:00 agus 04:30 air madainn Là na Bliadhn' Ùire, agus a chunnaic dithis fhireannach ann an aodach dorch a' coiseachd aig cliathaich an rathaid.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile