Obair-lannsa an dèidh ionnsaigh daimh

  • 3 Am Faoilleach 2014
Damh-fèidh
Image caption Bha an t-Oll. Stone na seasamh còmhla ri buidhinn de charaidean air taobh a-muigh taighe ann an Loch Àilleart nuair a dh'fheuch an damh oirre.

Tha boireannach a chaidh a leòn le damh-fèidh ann an Loch Abar air a dhol fo obair-lannsa gus feuchainn ri a pìob-sgòrnain a chàradh.

Chaidh an t-Oll. Ceit Stone, 44, à Cambridge, a leòn faisg air a' Ghearasdan mu 02:30m Diluain.

Chaidh an toiseach a toirt gu Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan, agus an uair sin gu Ospadal an Southern General ann an Glaschu.

Thàinig brath bho cho-obraiche bho chompanaidh an Oll. Stone, Novalia, gun deach i fo lannsa feasgair Dimàirt agus gun deach cùisean mar a bu chòir.

Còma

Cho-dhùin dotairean a cur ann an còma airson seachdain agus tha a cor seasmhach.

Bha an t-Oll. Stone na seasamh còmhla ri buidhinn de charaidean air taobh a-muigh taighe ann an Loch Àilleart nuair a dh'fheuch an damh oirre.

Bha i air a bhith air saor-làithean air a' Ghàidhealtachd, a' fuireach aig Mo-Dhachaidh, Leabaidh is Bracaist le Gary Burton.

Thuirt Mgr Burton gun cuala esan mun ionnsaigh nuair a thill caraid don Oll. Stone mu 02:30m.

Glacte

"Tha mi a' smaoineachadh gun do chlisg an damh," thuirt e.

"Bha e air a ghlacadh air taobh a-staigh a' ghàrraidh, 's e air a dhol a-steach air a' gheata. Cha robh àite eile aige dhan deadh e agus ruith e a dh'ionnsaigh a' gheata."

B' ann an uair sin a bhuail e anns an Oll. Stone.

Thuirt Mgr Burton gur e tachartas "one-in-a-million" a bh' ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile